Haydn

Tha sreath phrògraman The Birth of British Music (le Charles Hazelwood, BBC 4) air iPlayer an-dràsta. Cha tuirt an dà chiad phrògram, mu Phurcell agus Handel, cus dhomh nach cuala mi a-cheana o chionn ghoirid ann an sreath eile, David Starkey’s Music and Monarchy. Ach chuir an treas fear, mu Haydn, iongnadh mòr orm gu dearbh.

Sa chiad àite, cha robh fhios agam idir gun deach Haydn a Bhreatainn riamh, gun guth a ràdh gun robh na daoine glè mheasail air agus air a’ cheòl aige, gun do sgrìobh e dusan simphnidh agus iomadh rud eile ann an Lunnainn, an Gypsy Rondo ainmeil nam measg.

Ach ’s e an t-iongnadh as motha dhomh a bha ann gun do grìobh e (air ais san Ostair, ach a-rèir coltais fo bhuaidh fhaighinn a-mach gun robh laoidh Breatannach ann) laoidh Ostaireach, Gott erhalte Franz den Kaiser, agus gur e an aon phort sin – le faclan eile – am fear air a tha sinn eòlach an-diugh fon ainm Deutschlandlied: an laoidh Gearmailteach!

 

Tiomnadh

Chnuasaich mi an nòisean gum bu chòir dhomh tiomnadh a sgrìobhadh a-cheana san t-Sultain an-uiridh, ron chiad àm a chaidh mi dhan ospadal airson endoscopy fon an-fhaireachdair fhaighinn, ach cha robh an t-àm agam air a shon. Tha mi a’ dol a-rithist Diciadain agus an turas seo, sgrìobh mi e: cunntas-banca Seiceach gu Rob, cunntas-banca Albannach gu Tommy, leabhraichean-latha gu Jamie no Falcon (am fear a lorgadh iad na bu luaithe). Tha mi ’n dòchas a-nis gun lorg mi cybercafé airson ga chlò-bhualadh.

 

Poca-droma ùr

Cheannaich mi a’ chiad phoca-droma agam ann an 1990, dar a bha mi ri dhol dhan Rìoghachd Aonaichte a’ chiad thuras. Bha e agam rè nam bliadhnaichean a lean: ghluais mi mo chuid seilbh iomadh uair annsan bho àite-còmhnaidh gu àite-còmhnaidh eile. Ach chaidh sgrios a dhèanamh air mu dheireadh thall, agus b’ fheudar dhomh ga leigeil dhìom.

Airson deagh ghreis, cha do dh’ionndrainn mi e. Ach o chionn ghoirid, chuir mi romham gum fàg mi am baile seo (gu dearbh, an ceàrn seo) cho luath ’s a thèid agam. (Tha an gràin agam orra a’ sìor fhàs nas làidire.) Mar sin, cheannaich mi poca-droma ùr, agus fhuair mi e Disathairne.

Cha robh cothrom agam ga chleadadh fhathast, ach tha e coltach gu bheil e cho math ris an t-seann fhear, leis an ìre mhath an aon tomhas-lìonaidh. Seadh, chan eil ach toll-mullaich aig a’ phrìomh roinn aige (b’ urrain dhomh cuideachd faighinn a-steach dhan fhear shean tro spèirr air an taobh aghaidh); ach air an làimh eile, tha barrachd pocannan ann, agus iad seo nas motha.

Co-dhiù no co-dheth, dar a thigeas àm an gluasaid, bidh poca-droma agam anns an tèid agam air mo chuid seilbh a ghiùlan a-rithist.

 

FnaG a-rithist

Aig a’ cheann thall, thill mi dhan fhòram as dèidh trì bliadhnaichean. (Bha mi air sgrìobhadh am post mu dheireadh san Dùbhlachd ’13). The e coimhead gu bheil nas lugha dhen trafaig ann na bha anns na seann làithean, agus gu bheil feadhainn dhiubh a bhiodh a’ postadh a bu thrice air fhàgail cuideachd (chanainn gum bi mi gu h-àraid ag ionndrainn Seonaidh), ach cha robh iadsan a tha air fhàgail mì-thoilichte leamsa, ged a thill mi leis an fhar-ainm ùr agam, agus ’s e sin an rud a tha cudromach. Tha eadhon Akerbeltz còir deònach rim bruidhinn.

 

Chaochail Ray Collier

An rud mu dheireadh a thachair sa Mhàirt mu nach do sgrìobh mi ri linn na daoraich: shiubhail Ray Collier, fear dhe na h-ùghdaran Country Diary a’ Ghuardian. Nise, is toil leam cha mhòr a h-uile sgrìobhadair a’ chuilbh, ach tha fios gum b’ e Mgr Collier fear dhiubh a tha as fhaisge air mo chridhe, oir bha e stèidhichte ann an Alba. (Agus ’s ann tric a luaidheadh e ainm Gàidhlig an ainmhidh no an eòin mu dheidhinn a sgrìobh e.) Cuideachd, b’ e dìreach Christine Smith a lorg mi na bu thràithe agus a bha mi a leughadh ùine nas fhaide. Bidh mi ag ionndrainn na cuilbh leis-san gu mòr.

 

Ag òl fhathast, ach chan eil e dona

Dimàirt, dh’òl mi sa mhadainn aon leann (as dèidh 10 tro Dhisathairne, 8 tro Dhidòmhnaich na Càisge is 4 tro Dhiluain). Airson greis, bha e coltach nach òl mi tuilleadh rè ùine fhada.

Ach a’ tilleadh, Dihaoine, bhon oifis lighiche-inntinn, bha aig an aon àm a’ ghrian a’ dèarrsadh agus gaoth làidir a’ sèideadh. Bha mi gu math sgìth agus shuidh mi sìos san ‘Liosan’. Dh’fhaod mi deoch gun alcol òrdachadh, ach cha tàinig an nòisean dha m’inntinn. Co-dhiù, cha do dh’òl mi ach aon leann agus chaidh mi air adhart, mo neart air ùrachadh.

Agus an-dè, bha mi sgìth fad an latha. ’S mathaid gun robh an cnatan agam as dèidh nan trì làithean agus a bha mi a’ dol gu dotairean ann an sìde gharbh. ’S mathaid gun robh cleas nas motha a dhìth orm (cha do dh’fhàg mi am flat tron dheireadh-sheachdain ach airson smocadh). ’S mathaid nach robh mi fhathast cleachdte a-rithist ris an aonaranachd, as dèidh nan seachdainean ann an taighean-seinnse. Co-dhiù no co-dheth, ruith mi a-mach dhan ‘Reul-chrios’ sa chiad àite airson teicheadh bho stampadh mhic na galla a tha a’ fuireach os mo chionn.

Agus abair iongnadh! Ged a bha e mu chuairt air aon uair deug air an oidhche, bha an donas jukebox sàmhach! Bha mi airson dà leann a ghabhail, ach on nach do thòisich e air cluich fad na h-ùine agus a bha mi ann, ghabh mi trì is bha mi nam shuidhe ann mu thimcheall air ceithir uairean a thìde, a leughadh The Journal of a Tour to the Hebrides with Samuel Johnson, LL.D. le James Boswell.

Oidhche ciùin, tlachdmhor. Nuair a dhùisg mi an-diugh, tha fhios nach robh mi gu math buileach, ach bha mi fada na b’ fhearr na bha mi sna làithean roimhe.

 

An at air falbh … ’s dòcha

As dèidh ochd seachdainean bhon fhàgail an ospadail, bha “ath-sgrùdadh” agam Diardaoin. An oidhche roimhe, bha amharas agam nach biodh e deimhinnte, agus sin mar a thachair. Chan fhaca an dotair an at nam ghuthlag tuilleadh, ach thuirt e gun robh a’ ghuthlag air a thoinneamh leis an réidio-theiripe agus nach fhaca e a-steach gu ceart. An ath mhìos, coimheadaidh iad a-steach is mise fo pràmhan, agus bidh sgana PET/CT ùr ann: cha bhi fios agam co-dhiù a bheil aillse orm fhathast ron 27mh Giblean.

Tha e a’ coimhead dòchasach ge-tà, ach bha droch naidheachdan ann cuideachd: cion nan smugaidean agus dè cho dùmhail ’s a tha iad, thuirt an dotair dhomh gur e “buaidh an taobh mhaireannach” a tha ann; mar an ceudna an sprogan (duine cnàmhlach le sprogan, o mo chreach) – faodaidh sin fàs eadhon beagan nas miosa fhathast; cha robh a’ mhisneachd agam as dèidh sin ri faighneachd mu dheidhinn na staise/feusaige a sguir dhen fhàs.

Agus fuirichidh a’ chuisle dham stamac gus a’ Chèitean aig a’ char as lugha …

 

Cìs chraolaidh iPlayer

Leugh mi mu àrdachadh cìs chraolaidh is thug an aiste gu mo chuimhne mar a bha iPlayer an asgaidh air a chrìochnachadh an-uiridh. Agus thàinig rud neònach a-steach orm: Airson bhliadhnaichean roimhe sin, choimheadainn dìreach air iPlayer gus nach biodh agam ris a’ chìs a phàighead. Chan eil an t-adhbhar ann tuilleadh – ach cha do rinn e diofar sam bith. Choimheadainn fhathast air iPlayer a-mhàin. ’S ann cho annasach, cho neònach a tha an nòisean gum biodh agam air prògram air choireigin a choimhead aig àm puingeil, àm stèidhichte leis a’ chraoladair, seach dar a bhios agam ùine is togradh air . . .

 

Sìona fhiadhaich

Cha mhòr nach bidh mi a’ coimhead air iPlayer gu làthaireach an-dràsta, sa chiad àite air prògraman co-cheangailte ri Alba ’s an Rìoghachd, ach cuideachd air prògraman aithriseach gun cheangal riutha. O chionn ghoirid, thachair mi air sreath mu dheidhinn nàdar ann an Sìona, agus bha e gu math intinneach. Dhìochuimhnich mi dè cho eadar-dhealaichte, dè cho allamharach agus a bha an saoghal fad às sin.

Ach dè cho bòidheach ’s inntinneach a tha e, chan eil mi ga ionndrainn. ‘S toil leam ga fhaicinn air an TBh. Ach ‘s e dùthaich dhachaigheil seach allamharach air a tha cianalas orm. Cruth-tìre is craobhan is lusan is ainmhidhean is eòin is bailtean is . . . is daoine Albannach. No co-dhiù Breatannach, no Frangach, no eadhon Lochlannach amsaa . . .

 

An e an aon chàball?

Am Faoilleach 2010: Tha guth ann (agus tha e coltach nach e a’ chiad ghuth a bharrachd) air càball eadar na h-Eileanan is tìr-mòr: Naidheachdan a’ BhBC 15/1/10:

“Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun dèan e feum dhan eaconamaidh ionadail agus gun cuir e neart ris an argamaid airson càbal-dealain fon mhuir eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr airson ceangail ris a’ Ghriod Nàiseanta.”

An t-Sultain 2012: Tha an t-Urras Steòrnabhaigh an dòchas mòr: Naidheachdan a’ BhBC 10/9/12:

“Tha fios againn gu bheil cosgaisean mòra an cois a’ chàbail ach chaidh gealltanas a thoirt dhuinn gum bi sinn air ar ceangal ann an trì bliadhna eile.”

An t-Samhain 2012: Chan eil SSE ann an cabhag ge-tà: Naidheachdan a’ BhBC 8/11/12:

“Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an t-seachdain seo chaidh nuair a dh’innis SSE nach biodh cabal mòr dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr deiseil ann an 2015 mar a bha dùil.”

Amsaa, amsaa . . .

An Gearran 2017: Thuig feadhainn anns na h-eileanan mu dheireadh thall: Naidheachdan a’ BhBC 10/2/17:

“Bu chòir gabhail ris nach bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr agus plana ùr ullachadh mu choinneimh sin, a rèir Urras an Rubha agus Shanndabhaig.”

Ach, gu follaiseach, cha do thuig na h-uile:

“Chaidh an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar is Urras Steòrnabhaigh às àicheadh beachd Mhgr MhicSuain.”

A bheil iad a’ bruadar nan dùisg – air no ’s e caochladh chàballan a tha annta?

 

Ann an teis-meadhan an ath-shlànachaidh

Oidhche Ardaoin. O chionn ceithir seachdainean, dh’fhàg mi an t-ospadal. Ceithir seachdainean bho seo, thèid mi ann airson faighinn a-mach an robh an leigheas soirbheachail. An deach an aillse air falbh.

Smaoinich mi gum biodh dà mhìos ro fhada, gun dèanadh aon mhìos a’ chùis. Fìrinn innse, cha dèanadh. Ged a chaidh a’ chuid as motha dhe builean an leigheis à sealladh, chan eil an amhaich fhèin mar a bha i fhathast – agus bhiodh aig na dotairean am fibroscope a chuir a-steach. (Cuideachd, tha mi a’ fàs sgìth leis an ‘PEG tube’, oir chan eil i a dhìth orm tuilleadh, agus tha e riatanach ga glèidheadh gu làitheil. Ach bheir iad a-mach i tron amhaich.)

Uill, foighidinn, a ghille. Aig a’ cheann thall, mìos ann no às, tha fios gur e an toradh an rud cudromach: am faod mi a bhith an dùil gum bi bliadhnaichean, seach mìosan, romhamsa fhathast.

 

Thill mo ghuth

Uaireannan, cha tèid gnothach am feabhas mus gabh thu ris nach tèid a-riamh. Airson na làithean, cha b’ urrain dhomh labhairt, dìreach cagairt. Cha b’ ann mus do ghabh mi ris gur dòcha gum fàg an tinneas balbh mi, gun do dhùisg mi air madainn Diluain seo agus, abair iongnadh, fhuair mi a-mach gun robh mi comasach air brudhinn a-rithist. Seadh, a’ bruidhinn ann an guth ìosal is glè thùchanach a-mhàin, ach a’ bruidhinn. (Fìrinn innse, b’ fhèarr leam ma chumas mo ghuth cho ìosal mar a tha e a-nis. Bu lugha orm an-còmhnaidh dè cho sgalanta ’s a bha e.)

 

December ’16 news

December news in February, hmm . . . anyway, here goes:

There were some minor surprises in politics. The Icelandic Pirate Party was asked to try and form a new government (but would later fail to become part of it). Donald Trump sort of broke decades lasting pretence that the US doesn’t recognise Taiwan (more publicity stunts would follow). The European Court of Justice ruled against the Snooper’s Charter (giving the UK government another bad reason respect the referendum result and leave the EU). And the SNP disclosed that despite the comtinuing devolution of powers from London to Edinburgh, the Scotland Office’s budget rose over the last five years by 20% (although a much more interesting question was how much would Derek Mackay have to compromise to have his first budget voted through Holyrood).

A sadder surprise was the death of George Michael at the age of 53 (making me look up what was it he sang at all, the biggest surprise being Freedom! 90). On the other hand, air an làimh eile, bha deagh naidheachd ann gun do chomharraich Tormod MacGilleathain an t-ochdadamh cho-là-breith aige (’s dòcha gum bu chòir dhomh The Leper’s Bell a cheannach mar faidhle Khindle is a leughadh a-rithist).

More good news were the opening of a new Edinburgh railway station and the reopening of Kelvingrove Museum’s Life Gallery (pity I may never see it again).

The sporting surprise, for me at least, was how close to each other the teams at the bottom of the Scottish Premiership were: Partick Thistle, last (ie 12th) three matches before the end of the month, got by just two wins to the 6th place and after a Hogmanay draw ended the year as 7th. Another sports-related news was Andy Murray’s knighthood; but to be honest, I admired more Lynn Faulds for rejecting her MBE – or rather, for her reasons to do so.

 

Na Daoine Sìthe is Ùirsgeulan Eile

Trì seann sgeulachdan à Earra-Ghàidheil. Fìrinn innse, mur eil ùidh mhòr agaibh ann am beul-aithris agus/no mur eil sibh gu math fileanta, cha chreid mi gun còrd an leabhar ruibh mòran. Chan eil an dàrna (agus as giorra) sgeulachd dona, ach tha a’ chiad tè ro mhì-reusanta eadhon mar fhairytale, agus an treas tè làn briathrachais co-cheangailte ri calanas.

 

… agus às an ospadal a-rithist

Uell, cha do thòisich an leigheas fhathast idir. Chaidh mi dhan ospadal gu dearbh, ach beagan as dèidh an dìnneir thàinig tè ’s thuirt i dhomh gu robh mearachd air a bhith ann ’s nach robh am PEG tube dèanta fhathast. So, dh’fhàg mi a-rithist ’s bu chòir dhomh tilleadh madainn Dimàirt.

Dh’fhan mi a cheana airson an ospadal a bhith deiseil na b’ fhaide na bha mi air an daoraich.

 

CalMac is Serco

Dar a bhuannaich CalMac an cùmhnant ùr airson aiseagan an iar, cha robh beachd agam am b’ e rud math no dona ann. Ach a-nis, thàinig cha mhòr aig an aon àm dà naidheachd: (1) gu bheil cùmhnantaiche Seatruck aig Serco a dh’fhastaicheas obraichean bhon taobh a-muigh na Rìoghachd agus gam pàigheadh (gu laghail) nas lugha na am bun-tuarastal, agus (2) gu robh CalMac am measg nam buidhnean a fhuair duais Living Wage Foundation am bliadhna. Tha fhios gun do dh’fhuasgail mi gum b’ e co-dhùnadh math an cùmhnant.

 

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Tilleadh Dhachaigh

Mas ma mo chuimhne, nuair a leugh mi an nobhail ghoirid seo (goirid ach annasach, inntinneach is tarraingeach) a’ chiad turas, trì bliadhna gu leth air ais, bha corr is duilleag làn notaichean agam dhe faclan is abairtean nach do thuig mi a dh’aindeoin a h-uile faclair a bha agam. A-nis, cha mhòr nach do thuig mi a h-uile rud. Cuideachd, cha chreid mi nach e gu math na b’ ainneamh a b’ fheudar dhomh coimhead ann am faclair.

Feumaidh gu bheil tuigse na Gàighlig agam a’ sìor fhàs nas fhearr – rud nach eil fìor idir, feumaidh mi aideachadh, mu dheidhinn a’ bhriathrachais ‘ghnìomhaich’ agam. Uaireannan, bidh mi a’ faireachdain mar gu bhios mi ag ionnsachadh is a’ dìochuimhneachadh is ag ionnsachadh is a’ dìochuimhneachadh agus mar sin sìos na h-aon fhaclan a-rithist ’s a-rithist …

********

Às-aithrisean (sgrìobh mi na ceithir seo nam leabhar às-aithrisean a cheana a’ chiad turas, ach ’s fìor thoil leam iad fhathast, oir tha iad fhathast iomchaidh):

Sin an rud a tha mi ag ionndrainn. Comann nan daoine.
(Peadar Sutharlanach, td 22)

 

Tha mi mar a bha mi ach nas sine, gun aois. Chaidh mìorbhail a bhuileachadh orm: am bàs fhulang gus am mealainn beatha, annasach agus coimheach ’s gu bheil e, gu h-àraidh an-seo air taobh sear an t-saoghail far a bheil mi nam shrainnsear a dh’aindeoin gach fiosrachadh a fhuair mi, a dh’aindeoin gach rannsachadh a rinn mi, agus a dh’aindeoin gach oidhirp a nì mi.
(Peadar Sutharlanach, td 39)

 

“Creag Alasdair a bha riamh ac’ air a’ chreig seo,” thuirt e. “Ge bith cò bh’ ann an Alasdair.” Bha e caoineadh, na deòir nan sruth sìos aodann còmhla ri uisgean nan speuran. Shuidh sinn an sin fad uair a thìde, ’s na h-uisgeachan a’ cur thairis.
“Dè bh’ ann?” dh’fhaighnich mi dha.
“O – cha robh aon rud. Bha a h-uile rud.”
(Peadar Sutharlanach agus a sheanair, tdd 59-60)

 

“Bha mi a’ leigeil orm,” thuirt e an uair sin. “Fad mo bheatha. Ach bha a h-uile nì dheth fìor.”
(mu Pheadar Sutharlanach, td 90)

 

Agus tha às-aithris san nobhail bhon leabhar eile, leabhar nach do leagh mi riamh, Terre des hommes le Antoine de Saint-Exupéry:

Aimer, ce n’est pas se regarder l’un l’autre, c’est regarder ensemble dans la même direction.

 

Foghar ’16 (gu fadalach)

Leis na seachdainean a chur mi seachad air mhisg, cha tàinig e a-steach orm gun do thòisich am foghar; agus as dèidh sin, bha rudan eile ann air a bha agam ri cnuasachadh. Cha robh e ach an-diugh gun do chuimhnich mi gum bu chòir dhomh na sàbhalaichean-sgrìn atharrachadh bho dhealbhan samhraidh gu dealbhan foghair. Uill, rinn mi sin.