Ath-thathaich na sean dùthcha 4 – Co-là-breith Roib

Dhraibh Rob mi dhan Mhakro, far an do cheannaich mi ceithir pasganan mòra toitein, botal ruim airson caraid ann an Firhill Ct, botal Old Smuggler mar thìodhlac do Rob an àite an Glen Moray air a ghoid, agus thug mi dà bhocsa falamh airson pasganan.

Chaidh sinn dham fhlat, far an do roghnaich e dè de na rudan nach biodh mi a’ cumail a dh’iarradh esan, agus nuair a dh’fhàg e, chuir mi a h-uile rud nach biodh dhìth orm tuilleadh dha pocannan, màlan-droma agus bocsaichean. Cha robh seachd uairean nuair a chaidh mi a Chobra.

Chuidich mi e tatarák is sliseagan arain air am praidhigeadh a thoirt bhon Tipáč dhan bhàr aigesan, bha sinn (agus a dh’aithghearr Šíma) greis aig a’ chuntair, ach nuair a thàinig Dave, ghluais sinn gu bòrd is cathraichean-ghàirdeanach, far a shuidheas Peters agus Olda sìos thugainn. (Bha  Danča ag obair air cùlaibh a’ bhàr, agus nochd Kizzen leis a chaileag agus cù geal cuideachd.) Bha iad ag òl mòran “mexická pěst” (beachd-smuain aig Dave), mi fhìn kofola is Walker (agus aon tatranský čaj beag o Rob) agus a’ bruidhinn – uill, bha am poileas a’ bruidhinn a bu mhotha, ach cha robh e dona idir.

Na b’ fhaide, thuirt Rob gun robh e a’ fàgail, ach somehow or other ghluais sinn dìreach air ais dhan bhàr (gun Pheters) agus esan a’ dòrtadh an t-Smuggler. Dh’fàg Šíma, dh’fhàg Olda, dh’fhàg Rob (air a dhealachadh ri Danča a-rithist), agus as dèidh cuairt no dhà Jameson dh’fhàg mise is Dave mar an ceudna aig mu leth-uair an dèidh meadhan oidhche. (Thuit Dave chun a’ bhòrd nuair a bha sinn a’ fàgail.)

Bha dùil agam (agus fhad ‘s fhiosrach mi, aig Rob is Šíma) gun suidhicheas an triùir dhinn aig a’ bhàr ann an còmhradh ciùin. Thachair rudeigin eile – ach cha b’ fheàrr leam e dad nas lugha. ‘S iad pàrtaidhean ris nach robh fiughair an seòrsa as fheàrr.

(Chuir e iongnadh orm ge-tà gun do dh’òl mi nas motha na Diluain ach gun robh mi na bu stuama.)
 

(Air fhoillseachadh o thùs sa Ghiblean ’12.)

 

Advertisements

Gineachan eanchainne

(A’ postadh seo san bhlog shean seo oir chuir mi comharra-lìn air an aiste BhBC san Dhàmhair mu thràth.)

Mhothaich mi dhan aiste ghoirid seo a tha a’ coimhead mar dhìreach naidheachd shaidheans cumanta, ach chuir e iongnadh mòr orm. Mas e an fhìrinn gu bheil DNA nan ceallan-enchainne eadar-dhealaichte ri DNA nan ceallan eile, eadhon ri càch a chèile, agus fiù ‘s ag atharrachadh tron bheatha… uill… nam biodh sin a’ dèanamh diofar mòr air dè cho mòr a tha buaidh ghineach agus buaidh àraich air ar beatha?

 

Bheil mi a’ bruadar?

Coma leam a’ phrìs. Tha mi nam ghille fortanach, nam ghille toilichte.

Fastaidhean, ticeadan, màl, biadh ⁊ òl, toitein, … tha e coltach nach coisinn mi air feadh nan seachd seachdainean a bhios mi ag obair ann an Guireag barrachd air na chuir mi (‘s a chuireas mi fhathast) an seilbh. Ach tha mi coma.

Bha a h-uile rud suidhichte, ticeadan plèana nam dhrathair amsaa, agus bha mi a’ feitheamh air post-dealain a bhiodh ag ràdh dhomh gum bithinn a’ fuireach ann an Eurohostel.

Cha bhi. Chuir e iongnadh mòr orm, ach bhithinn ann an Cùirt Rathad Ghiuthais. Fada nas fheàrr.

Cho sona ri bròig. Tha mi nas fhortanaiche o chionn ghoirid nas àbhaist dhomh gu dearbh…

 

Criomagan gèidh

Nuair a bha làrach-lìn agam, bha roinn Naidheachdan ann. Sgrìobhainn gearr-chunntas, bheirinn ceanglaichean ris na duilleagan far an robh mi air leughadh mu dheidhinn na cùise, agus chuirinn luaidh goirid mun bheachd agam oirre ris . Beagan coltach ri seo:

An dèidh dhan Riaghaltas Albannach co-chomhairleachadh mu thimcheall phòsaidhean gèidhe a chur air bhog, thuirt sagartan àrda na h-Eaglaise Caitligiche uimhir nan aghaidh.
BBC: Catholic Church steps up gay marriage attack
Pink News: Catholic archbishop urges Scottish parishes to oppose gay marriage
Tha fhios gu bheil iad toilichte aire a tharraing o dhroch-dhìol air cloinn le sagartan Caitligeach eile; tha fhios, nuair a bhios iad a’ bruidhinn mu “discrimination against Christians”, gum bi iad a’ ciallachadh “against Catholics” – ‘s e “discrimination against denominations with non-Catholic viewpoint” an rud ceart ann an sùilean na h-Eaglaise sin.

Chan e an Riaghaltas na h-Alba a-mhàin  a’ dèanamh rudan matha. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cum iad taic bho dhùthchannan a tha a’ tòireachadh nan gèidh.
PN: Andrew Mitchell: UK will withhold aid from African countries with poor gay rights
Bu chòir dhaibh sin a dhèanamh o chionn bhliadhnaichean…

Anns an eadar-àm, thuirt Kevin Rudd gun cuir e ìmpidh air dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis gus laghannan an aghaidh cho-sheòrsaich aca ais-ghairm.
PN: Australian foreign minister to call on Commonwealth to repeal anti-gay laws
Nam bheachd-sa, ‘s e nàire gur ann dùthchannan mar Nigeria no Uganda ann a’ Cho-fhlaitheis fhathast  idir.

Air ais an Alba, ge-tà, thug a’ Phrìomh Mhinistear taic dhan pròiseact It Gets Better le bhidio YouTube aigesan.

‘S ann gealltanach a tha sin, greis ro Choinneamh PNA…

 

Eadar Dà Sgeul

Leugh mi a’ chiad leabhar sa Ghàidhlig an-uiridh. ‘S e leabhar airson cloinne a bha annsan; as dèidh sin, chuir mi orm gum feuch mi fear airson dheugairean.

Thagh mi cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus cha robh mi duilich. Chan eil fhios agam an e Dòmhnall Iain MacLeòid, a sgrìobh an ro-ràdh, an (aon) deasaiche an leabhair; cò sam bith a bha e a’ deasachadh, rinn e/i/iad obair mhath airson dà adhbhar.

A h-aon: ged nach eil, air mo shonsa, sgeulachd uabhasach math ann, chan eil tè dona ann a bharrachd. A dhà: tha caochladh ìrean Gàidhlig aig na stòiridhean. Uaireannan, cha mhòr gun robh faclair a dhìth orm; aig amannan eile, cha mhòr nach robh mi ga chleachdadh gach mionaid. (Feumaidh mi aideachadh gun do thachair mi air seantans no dhà agus facal no trì nach do thuig mi eadhon leis na faclairean uile agam.)

Dè na sgeulachdan a b’ fheàrr leam as motha? An Duine Dubh agus An Coigreach le Iain Mac a’ Ghobhainn (an do leagh mi Bùrn leis-san (a tha anns a’ chruinneachadh cuideachd) san eadar-theangachadh Theacais nuair a bha mi nam bhalach?), Am Partaidh Purpaidh le Dòmhnall Iain MacÌomhair, Tormod le Daibhidh Màrtainn – agus Uair no Uaireigin le Kevin MacNeil, ged a… ‘s e sgeulachd a bhiodh uabhasach math nam biodh deireadh eile aice. Bha e mar leughadh deich duilleagan le Gibbon no Hawes no Steinbeck, agus a’ crìochnachadh le dà dhuilleag le Mills & Boon…

 

A’ feitheamh gu socair

Tha Tom Petty a’ seinn gur waiting is the hardest part; thàinig orm aontachadh le sin gu tric. Ge-tà, bha e riamh co-cheangailte le mì-chinnt mhì-thlachdmhor de sheòrsa air choireigin. An tachair rud àraidh no nach tachair?

Tha diofar ann aig an àm seo. Cha robh mi an dùil gum faigh mi a dh’Alba am bliadhna fhathast, ach tha e gu math coltach gum faigh. Tha na h-ainmean air an cur ri pàipearan na buidhne leis an do rinn mi cùmhnant; toiseach no meadhan na Samhna, bu chòir dhomh fòn is/no post-dealain fhaighinn cuin a tha mi a’ dol ann.

Anns an eadar-àm, bidh tìde gu leòr agam airson deiseil a dhèanamh airson an turais. Tha grunn rud air a tha mi ag iarraidh crìoch a chur mus tèid mi, ach ‘s dòcha gum bi mi soirbheachail leothasan cuideachd…

 

‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist, no: Eadar dà thuiteamas

Mar an-uiridh ‘s a’ bhòn-uiridh, tha mòr-chuid mo bheatha “sòisealta” (taobh a-muigh an Eadar-lìn) a’ tachairt san fhoghair.

B’ ann air an deireadh seachdain seo chaidh a thachair a’ chiad chuirm am bliadhna – ‘s e ath-chruinneachadh (an dèidh fichead bliadhna) mo cho-aoisich bhon cholaiste teicneolach agam. Cha robh e foirfe; mar eisimpleir, tha fhios nach robh ùine gu leòr agam airson bruidhinn ris a h-uile caraid math dhomh cho mòr ‘s a bu mhath leam. (Thàinig leth-cheud ‘s a trì dhinn, à seachdad no ochdad.) A dh’aindheoin sin, bha e gasta gu dearbh. B’ e na còig bliadhna sa’ cholaiste agus na daoine còmhla ris a bha mi a’ fuireach sna làithean sin na bliadhnaichean agus an teaghlach as fheàrr a bha agam riamh. Bha e sgoinneil rin coinneachadh as dèidh dà, ceithir, deich no fichead bhliadhnaichean.

‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist còig bliadhna bho seo, eadhon ma bhios mi an Alba. Ach chan eil am foghar seachad fhathast: tadhailidh mi san Ghàrradh Dhearg a’ chiad sheachdain na Dàmhair agus tha e coltach gun tèid mi cuide ri grunnan dhaoine na colaiste as dlùithe dhomh air bummel deireadh seachdaine, mar as àbhaist dhuinn gach bliadhna, san t-Samhain.

An toil leam am Foghar?

7nbsp;

Dealbh na Beinne Meanbha sa’ Vicipéid

Ge be dè an t-adhbhar air sin, thuit mi a-bhàn air a’ Bheinn Mheanbh nuair a bha mi an Alba an-uiridh, ged nach do shreap mi i. San Ghiblean am-bliadhna, mhothaich mi nach robh duilleag oirre san Uicipeid, agus thòisich mi i. Bha mi dhen bheachd gun robh mi air dealbh na b’ fheàrr na an tè a bha sa’ Wikipedia a thogail; luchdaich mi suas i agus chuir mi ris an duilleig i.

An latha roimhe, nochd an deasachadh seo air a’ chlàr-faire agam. Lean mi an ceangal oir bha ùidh agam ann an ainm na beinne sa Ghaeilge. Uill, tha e coltach nach ann eadar-dhealaichte ris an ainm Ghàidhlig a tha e, ach thuit mo shùil air rudeigin eile: chleachd an t-ùghdar an dealbh agamsa! (Cha chreid mi nach fhaca e/i an dealbh “Beurla” cuideachd.)

Tha e math nuair a tha rudeigin a rinn thu a’ còrdadh ri daoine eile…

 

Co-là-breith aig m’ athair

Bha m’ athair trì fichead bliadhna ‘s a deich a dh’aois san Lùnastal agus chaidh mi air tadhal air. Bha e beagan neònach oir bha e air dà aisean a bhriseadh dà latha roimhe sin. Cha robh e sunndach; cha do rinn sinn subhachas sam bith. Cha mhòr nach robh cothrom math agam meal-an-naidheachd a chur air! Ach a dh’andheoin sin (air neo b’ e sin as coireach?) chuir sinn seachad deireadh seachdain sàmhach, suaimhneach, tlachdmhor.

Ach b’ e an turas trèana a chuir iongnadh beag orm. Uaireannan, bhiodh mi a’ siubhal air an loidhne sònraichte gu math tric, ged mar as àbhaist nach do shiubhail mi an 382km/237m gu lèir. Chan àbhaist dhomh sin a dhèanamh tuilleadh, ach chòrd na h-ochd uairean a thìde sna trèanaichean rium glan. Gu h-àraidh a’ phàirt thar na Talmainn Àirde aig mu chairteil na slighe, Abhainn Jihlava ri taobh an rathaid-iarainn… Ge-tà, bha uiread de na rudan a dh’atharrachaich rè na h-ùine seo, mar na dathan air feadhainn dhe na togalaichean, uabhasach. Agus uiread de na rudan a dhìochuimhich mi. Mar eisimpleir, chan fhaca mi an t-seann mhuileann-gaoithe ann an Třebíč, oir cha robh mi cinnteach air dè taobh an rathaid-iarainn a tha e…

 

Cuimhneachain bhliadhnail

Air 20 an Lùnastal 1986 (cairteal linne air ais!), chaidh mi a thogail lus-an-leanna mar obair saor-làithean ron chiad bhliadhna agam san oilthigh. B’ ann èigeantach a bha an obair ach a dh’aindheoin sin chòrd e rium fìor ghlan – agus thòisich e na sia bliadhna a b’ fheàrr anns mo bheatha. Ge-tà, tha an ceann-latha cudromach dhomhsa airson adhbhar eile an-dràsta.

Nuair a’ bha mi a’ fàgail na h-Alba a’ chiad dol a-mach (5/9/90), gheall mi dhomh fhìn gun till mi ro ochd bliadhna a thìde. Rinn mi sin ann an ’97 agus mhionnaich mi an aon rud, ach dh’fhàillnich mi. Chaidh trì bliadhna deug seachad mus do dh’thill mi, dìorrasach am mionn a dhèanamh a-rithist – agus a chumail ris.

Aig a’ cheann thall, rinn mi bòid eadar-dhealaichte.

Thionndaidh mi ochd gu “dhà no trì” agus tadhal neach-turais gu inimrich.

Sgrìobh mi blog air ciamar a thachair an t-atharrachadh-inntinn seo, ach cha do fhoillsich mi e fhathast. Bha mi dhen bheachd gun robh còir aig Rob, an caraid as fhaisge dhomh, a bhith a’ chiad phearsa a chluinneadh mu dheidhinn. Gu mì-fhortanach, cha mhòr nach tug e bliadhna gu lèir gus an tàinig cothrom ceart air innse dhasan. Ach thàinig e mu dheireadh thall; cha chreid mi nach dèan mi am blog mu thimcheall a’ “Bhòid Dhùn Chailleann” poblach a dh’aithghearr.

 

Cùis bloga eile

Tha mi eòlach air daoine aig a tha blog Beurla airson a’ “phobaill choitchinn” agus an dàrna fear sa Ghàidhlig a’ dèiligeadh ri gnothaichean co-cheangailte ris a’ chànan fhèin. Chan e sin an rùn agamsa.

Thig an làrach-lìn agam gu crìoch san Lùnastal, agus chan eil mi airson tuairisgeulan a thoirt air na tachartasan nam bheatha anns a’ chiad bhloga agam an-seo. Tha amharas ‘am nach eil iad inntinneach do dhaoine eile. Mar sin, cho-dhùin mi gum bi mi a’ sgrìobhadh mun deidhinn ann am bloga eile sa Ghàidhlig.

Chan eil sin a’ ciallachadh gun cuireadh e dragh orm nam biodh daoine a’ leughadh nam pìosan seo. Dìreach nach creid mi gum biodh iad inntinneach dhaibhsan.

Aig an aon àm, bidh mi a’ gnàthachadh, ‘s dòcha a’ leasachadh, mo chuid Ghàidhlig san dòigh seo.

Eadar dà sgeul, tha planaichean agam airson tuilleadh bhlogaichean àraidh…
 

(Air fhoillseachadh bho thùs air Blogger san t-Òghmios no san t-Iuchar 2011.)

 

A sia ri dhol

Sia làithean obrach gus toir mi sanas dhan fhastaiche agam. Tha mi air meòrachadh mu dheidhinn cha mhòr bhon dearbh thoiseach agus cho-dhùin mi mu dheireadh thall gu bheil na taobhan dona dhen obair nas motha na na taobhan matha.

Sia seachdainean nuair a bhios an làrach-lìn agamsa ann fhathast. Tha mi toilichte gun do cheannaich mi i, chòrd e rium a bhith ga ruith, ach cha b’ fhiach dhomh a cumail tuilleadh. Tha mi dà bhliadhna air adhart a-rithist.

Sia mìosan gu deireadh na bliadhna. Cha chreid mi nach eil i nas miosa nan tè roimhpe gu seo, agus chan eil e a’ coimhead gun atharraich sin; ge-tà, chan eil mi mì-riaraichte leis na rinn mi sa chiad leth a bharrachd.

Sia bliadhna – ach cò aig a tha fios dè a bhios sia bliadhna bho seo?