Còrdadh eadar Tòraidhean is DUP

Dar a thig an naidheachd gun do rinn na Tòraidhean agus an DUP co-aonta eatorra mu dheireadh thall, smaointich mi mu dheidhinn na prìse agus mu dheidhinn riaghaltas Èireann a Tuath: Cia às a thèid am billean? Cò gheibheas maoineachadh nas ìsle gus ‘Maybot’ a chumail mar phrìomhaire? Agus ciamar as urrainn dha na Tòraidhean leigeil orra gu bheil iad neo-phàirteach, gu bheil iad nan ‘honest broker’?

Ach dar a leugh mi, beagan làithean na b’ fhaide, aiste le Martin Kettle, anns a tha e ag ràdh gun do rinn May bùrach dheth agus nach soirbhich na còmhraidhean ann an Stormont a-nis, thig e a-steach orm gur dòcha gur e seo ’s a bha i ag iarraidh bho thùs: cumaidh i sa chathair, agus bi eadhon tuilleadh cumhachd aice dar a thòisicheas riaghladh dìreach Westminsteir as dèidh dhan DUP agus SF fàilligeadh air ruigsinn còrdadh eatorrasan.

Agus ge be dè a bhios Rùnaire Stàite Èireann a Tuath ag agairt, tha an suidheachadh a’ dol an taobh sin. “James Brokenshire has indicated Westminster will step in soon and impose a budget.” ’S mathaid gun cùm May grèim air a’ bhillean aig a cheann thall?

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s