Cola-deug beagan trang

An t-seachdain sa chaidh, b’ e Diluain le sgana PET/CT (nach robh cho dona ris a’ chiad fhear an-uiridh), Diciadain le tadhal air a’ bhan-lighiche, agus Diardaoain ann an roinn na h-eòlais-aillse. Mar a bha dùil agam, bha toraidhean a’ PhET/CT gealltanach gun a bhith deimhinnte, coltach ri toraidhean a’ bhiopsy is CT ‘àbhaisteach’ romhpa.

An t-seachdain seo, b’ e a’ bhan-dotair-teaghlaich air sgàth nòta pàighidh thinneis fhaighinn an-diugh, tadhal air mo mhàthair a-màireach (thàinig i a bhaile faisg airson greis dar a tha m’ athair ann am baile-spatha eile), agus fibroscopy Dihaoine. Mura bhios sin deimhinnte, bidh biopsy eile romham. Gidheadh, bu chòir dha seachdain no dhà gun choinneamh sam bith a bhith agam an uairsin.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s