Claon-bhreith nàdarrach

Leugh mi aiste car neònach mu “implicit bias” an latha roimhe. Bha an t-ùghdar air IAT test a ghabhail agus chuir e iongnadh air gum b’ e an toradh “slight automatic preference for white people over black people”. Air dè bha e an dùil? An robh beachd romansach aige gun robh e gun chlaon-bhreith buileach?

Dh’fheuch mi aon dhe na deuchainnean cuideachd; b’ e an toradh “strong automatic preference for Gay people over Straight people”. Chan eil sin buileach ceart: tha e gu math follaiseach gu b’ fheàrr leam, ceteris paribus, fireannaich gèidh na fireannaich dìreach, ach ’s ann eile-sheòrsach a tha na càirdean as fheàrr agam uile, agus cha chreid mi idir gum b’ fheàrr leam boireannaich gèidh na fireannaich dìreach.

Ach b’ e an seantans a bu chraicte na leanas: ” In popular culture, it is hard to think of a female equivalent to Sherlock Holmes, for example, a detective whose astonishing deductions were a product of his singular genius.” Nach do chuala an sgrìobhadair a-riamh mu dheidhinn Bana-Mhaighstir Marple?

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s