Conasg

’S e bloga ‘mìosail’, mar gum biodh, a tha ann an Seabordgàidhlig, agus roghnaich an t-ùghdar conasg airson cuspair post-bloga an Ògmhiosa. ’S e post taitneach mar as àbhaist dhaibh, agus bha dà rud gu h-àraidh innteach dhomsa: gu bheil an lus feumail taobh a-muigh a luach mar rudeigin a tha àilinn ri fhaicinn; agus gu bheil e cho gann sa Ghearmailt nach àbhaist dha na Gearmailtich a bhith eòlach air.

Smaointich mi mu dheidhinn an dàrna rud agus cha b’ urrainn dhomh cuimhneachadh conasg fhaicinn san dùthaich seo a bharrachd. Nise, chan agair mi gur ann grànnda a tha i, ach tha mi ag ionndrainn cus rudan an seo a tha pailt an Alba, bho àiteachan leth-fhiadhaich gu taighean cloiche gu daoine socair; a-rèir coltais, tha conasg am measg iad sin a tha mi ag ionndrainn gun a bhith eadhon mothachail air.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s