Haydn

Tha sreath phrògraman The Birth of British Music (le Charles Hazelwood, BBC 4) air iPlayer an-dràsta. Cha tuirt an dà chiad phrògram, mu Phurcell agus Handel, cus dhomh nach cuala mi a-cheana o chionn ghoirid ann an sreath eile, David Starkey’s Music and Monarchy. Ach chuir an treas fear, mu Haydn, iongnadh mòr orm gu dearbh.

Sa chiad àite, cha robh fhios agam idir gun deach Haydn a Bhreatainn riamh, gun guth a ràdh gun robh na daoine glè mheasail air agus air a’ cheòl aige, gun do sgrìobh e dusan simphnidh agus iomadh rud eile ann an Lunnainn, an Gypsy Rondo ainmeil nam measg.

Ach ’s e an t-iongnadh as motha dhomh a bha ann gun do grìobh e (air ais san Ostair, ach a-rèir coltais fo bhuaidh fhaighinn a-mach gun robh laoidh Breatannach ann) laoidh Ostaireach, Gott erhalte Franz den Kaiser, agus gur e an aon phort sin – le faclan eile – am fear air a tha sinn eòlach an-diugh fon ainm Deutschlandlied: an laoidh Gearmailteach!

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s