Poca-droma ùr

Cheannaich mi a’ chiad phoca-droma agam ann an 1990, dar a bha mi ri dhol dhan Rìoghachd Aonaichte a’ chiad thuras. Bha e agam rè nam bliadhnaichean a lean: ghluais mi mo chuid seilbh iomadh uair annsan bho àite-còmhnaidh gu àite-còmhnaidh eile. Ach chaidh sgrios a dhèanamh air mu dheireadh thall, agus b’ fheudar dhomh ga leigeil dhìom.

Airson deagh ghreis, cha do dh’ionndrainn mi e. Ach o chionn ghoirid, chuir mi romham gum fàg mi am baile seo (gu dearbh, an ceàrn seo) cho luath ’s a thèid agam. (Tha an gràin agam orra a’ sìor fhàs nas làidire.) Mar sin, cheannaich mi poca-droma ùr, agus fhuair mi e Disathairne.

Cha robh cothrom agam ga chleadadh fhathast, ach tha e coltach gu bheil e cho math ris an t-seann fhear, leis an ìre mhath an aon tomhas-lìonaidh. Seadh, chan eil ach toll-mullaich aig a’ phrìomh roinn aige (b’ urrain dhomh cuideachd faighinn a-steach dhan fhear shean tro spèirr air an taobh aghaidh); ach air an làimh eile, tha barrachd pocannan ann, agus iad seo nas motha.

Co-dhiù no co-dheth, dar a thigeas àm an gluasaid, bidh poca-droma agam anns an tèid agam air mo chuid seilbh a ghiùlan a-rithist.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s