Ag òl fhathast, ach chan eil e dona

Dimàirt, dh’òl mi sa mhadainn aon leann (as dèidh 10 tro Dhisathairne, 8 tro Dhidòmhnaich na Càisge is 4 tro Dhiluain). Airson greis, bha e coltach nach òl mi tuilleadh rè ùine fhada.

Ach a’ tilleadh, Dihaoine, bhon oifis lighiche-inntinn, bha aig an aon àm a’ ghrian a’ dèarrsadh agus gaoth làidir a’ sèideadh. Bha mi gu math sgìth agus shuidh mi sìos san ‘Liosan’. Dh’fhaod mi deoch gun alcol òrdachadh, ach cha tàinig an nòisean dha m’inntinn. Co-dhiù, cha do dh’òl mi ach aon leann agus chaidh mi air adhart, mo neart air ùrachadh.

Agus an-dè, bha mi sgìth fad an latha. ’S mathaid gun robh an cnatan agam as dèidh nan trì làithean agus a bha mi a’ dol gu dotairean ann an sìde gharbh. ’S mathaid gun robh cleas nas motha a dhìth orm (cha do dh’fhàg mi am flat tron dheireadh-sheachdain ach airson smocadh). ’S mathaid nach robh mi fhathast cleachdte a-rithist ris an aonaranachd, as dèidh nan seachdainean ann an taighean-seinnse. Co-dhiù no co-dheth, ruith mi a-mach dhan ‘Reul-chrios’ sa chiad àite airson teicheadh bho stampadh mhic na galla a tha a’ fuireach os mo chionn.

Agus abair iongnadh! Ged a bha e mu chuairt air aon uair deug air an oidhche, bha an donas jukebox sàmhach! Bha mi airson dà leann a ghabhail, ach on nach do thòisich e air cluich fad na h-ùine agus a bha mi ann, ghabh mi trì is bha mi nam shuidhe ann mu thimcheall air ceithir uairean a thìde, a leughadh The Journal of a Tour to the Hebrides with Samuel Johnson, LL.D. le James Boswell.

Oidhche ciùin, tlachdmhor. Nuair a dhùisg mi an-diugh, tha fhios nach robh mi gu math buileach, ach bha mi fada na b’ fhearr na bha mi sna làithean roimhe.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s