An at air falbh … ’s dòcha

As dèidh ochd seachdainean bhon fhàgail an ospadail, bha “ath-sgrùdadh” agam Diardaoin. An oidhche roimhe, bha amharas agam nach biodh e deimhinnte, agus sin mar a thachair. Chan fhaca an dotair an at nam ghuthlag tuilleadh, ach thuirt e gun robh a’ ghuthlag air a thoinneamh leis an réidio-theiripe agus nach fhaca e a-steach gu ceart. An ath mhìos, coimheadaidh iad a-steach is mise fo pràmhan, agus bidh sgana PET/CT ùr ann: cha bhi fios agam co-dhiù a bheil aillse orm fhathast ron 27mh Giblean.

Tha e a’ coimhead dòchasach ge-tà, ach bha droch naidheachdan ann cuideachd: cion nan smugaidean agus dè cho dùmhail ’s a tha iad, thuirt an dotair dhomh gur e “buaidh an taobh mhaireannach” a tha ann; mar an ceudna an sprogan (duine cnàmhlach le sprogan, o mo chreach) – faodaidh sin fàs eadhon beagan nas miosa fhathast; cha robh a’ mhisneachd agam as dèidh sin ri faighneachd mu dheidhinn na staise/feusaige a sguir dhen fhàs.

Agus fuirichidh a’ chuisle dham stamac gus a’ Chèitean aig a’ char as lugha …

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s