An e an aon chàball?

Am Faoilleach 2010: Tha guth ann (agus tha e coltach nach e a’ chiad ghuth a bharrachd) air càball eadar na h-Eileanan is tìr-mòr: Naidheachdan a’ BhBC 15/1/10:

“Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun dèan e feum dhan eaconamaidh ionadail agus gun cuir e neart ris an argamaid airson càbal-dealain fon mhuir eadar na h-Eileanan is Tìr Mòr airson ceangail ris a’ Ghriod Nàiseanta.”

An t-Sultain 2012: Tha an t-Urras Steòrnabhaigh an dòchas mòr: Naidheachdan a’ BhBC 10/9/12:

“Tha fios againn gu bheil cosgaisean mòra an cois a’ chàbail ach chaidh gealltanas a thoirt dhuinn gum bi sinn air ar ceangal ann an trì bliadhna eile.”

An t-Samhain 2012: Chan eil SSE ann an cabhag ge-tà: Naidheachdan a’ BhBC 8/11/12:

“Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an t-seachdain seo chaidh nuair a dh’innis SSE nach biodh cabal mòr dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr deiseil ann an 2015 mar a bha dùil.”

Amsaa, amsaa . . .

An Gearran 2017: Thuig feadhainn anns na h-eileanan mu dheireadh thall: Naidheachdan a’ BhBC 10/2/17:

“Bu chòir gabhail ris nach bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr agus plana ùr ullachadh mu choinneimh sin, a rèir Urras an Rubha agus Shanndabhaig.”

Ach, gu follaiseach, cha do thuig na h-uile:

“Chaidh an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar is Urras Steòrnabhaigh às àicheadh beachd Mhgr MhicSuain.”

A bheil iad a’ bruadar nan dùisg – air no ’s e caochladh chàballan a tha annta?

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s