Ann an teis-meadhan an ath-shlànachaidh

Oidhche Ardaoin. O chionn ceithir seachdainean, dh’fhàg mi an t-ospadal. Ceithir seachdainean bho seo, thèid mi ann airson faighinn a-mach an robh an leigheas soirbheachail. An deach an aillse air falbh.

Smaoinich mi gum biodh dà mhìos ro fhada, gun dèanadh aon mhìos a’ chùis. Fìrinn innse, cha dèanadh. Ged a chaidh a’ chuid as motha dhe builean an leigheis à sealladh, chan eil an amhaich fhèin mar a bha i fhathast – agus bhiodh aig na dotairean am fibroscope a chuir a-steach. (Cuideachd, tha mi a’ fàs sgìth leis an ‘PEG tube’, oir chan eil i a dhìth orm tuilleadh, agus tha e riatanach ga glèidheadh gu làitheil. Ach bheir iad a-mach i tron amhaich.)

Uill, foighidinn, a ghille. Aig a’ cheann thall, mìos ann no às, tha fios gur e an toradh an rud cudromach: am faod mi a bhith an dùil gum bi bliadhnaichean, seach mìosan, romhamsa fhathast.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s