Aonghas Pàdraig Caimbeul: Tilleadh Dhachaigh

Mas ma mo chuimhne, nuair a leugh mi an nobhail ghoirid seo (goirid ach annasach, inntinneach is tarraingeach) a’ chiad turas, trì bliadhna gu leth air ais, bha corr is duilleag làn notaichean agam dhe faclan is abairtean nach do thuig mi a dh’aindeoin a h-uile faclair a bha agam. A-nis, cha mhòr nach do thuig mi a h-uile rud. Cuideachd, cha chreid mi nach e gu math na b’ ainneamh a b’ fheudar dhomh coimhead ann am faclair.

Feumaidh gu bheil tuigse na Gàighlig agam a’ sìor fhàs nas fhearr – rud nach eil fìor idir, feumaidh mi aideachadh, mu dheidhinn a’ bhriathrachais ‘ghnìomhaich’ agam. Uaireannan, bidh mi a’ faireachdain mar gu bhios mi ag ionnsachadh is a’ dìochuimhneachadh is ag ionnsachadh is a’ dìochuimhneachadh agus mar sin sìos na h-aon fhaclan a-rithist ’s a-rithist …

********

Às-aithrisean (sgrìobh mi na ceithir seo nam leabhar às-aithrisean a cheana a’ chiad turas, ach ’s fìor thoil leam iad fhathast, oir tha iad fhathast iomchaidh):

Sin an rud a tha mi ag ionndrainn. Comann nan daoine.
(Peadar Sutharlanach, td 22)

 

Tha mi mar a bha mi ach nas sine, gun aois. Chaidh mìorbhail a bhuileachadh orm: am bàs fhulang gus am mealainn beatha, annasach agus coimheach ’s gu bheil e, gu h-àraidh an-seo air taobh sear an t-saoghail far a bheil mi nam shrainnsear a dh’aindeoin gach fiosrachadh a fhuair mi, a dh’aindeoin gach rannsachadh a rinn mi, agus a dh’aindeoin gach oidhirp a nì mi.
(Peadar Sutharlanach, td 39)

 

“Creag Alasdair a bha riamh ac’ air a’ chreig seo,” thuirt e. “Ge bith cò bh’ ann an Alasdair.” Bha e caoineadh, na deòir nan sruth sìos aodann còmhla ri uisgean nan speuran. Shuidh sinn an sin fad uair a thìde, ’s na h-uisgeachan a’ cur thairis.
“Dè bh’ ann?” dh’fhaighnich mi dha.
“O – cha robh aon rud. Bha a h-uile rud.”
(Peadar Sutharlanach agus a sheanair, tdd 59-60)

 

“Bha mi a’ leigeil orm,” thuirt e an uair sin. “Fad mo bheatha. Ach bha a h-uile nì dheth fìor.”
(mu Pheadar Sutharlanach, td 90)

 

Agus tha às-aithris san nobhail bhon leabhar eile, leabhar nach do leagh mi riamh, Terre des hommes le Antoine de Saint-Exupéry:

Aimer, ce n’est pas se regarder l’un l’autre, c’est regarder ensemble dans la même direction.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s