Tasglannaiche gun fhiachan

Uill, ràinig mi an geata. Seadh, chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt, ach tha e gu tur coltach gun d’fhuair comann an taigheadais an seic bhuamsa. On a thàinig e am barr nach robh fiach cìs comhairle orm idir, tha mi gun fhiachan mu dheireadh thall a-rithist.

Mar sin dheth, pàipear-balla ùr air an laptop agam a-nis. Oir ràinig mi an geata, agus tha agam ri dhol tarsainn drochaid, mar gum biodh: feumaidh mi crìoch a chur ri ‘giullachadh’ nan dealbhan agam, mus tòisich mi leabhraichean-latha is cuimhneachain a ghiullachadh.

Drochaid a’ Chonghail thar Loch Eite.


Tha fhios gum bidh drochaidean eile ann aig an aon àm. Mar eisimpleir, an craobh Fhrangach Duolingo a chrìochnachadh, fastaiche atharrachadh (dìreach fastaiche, seach obair, ge-tà), an t-samhradh ann am meadhan na h-Eòrpa fhulang agus mar sin sìos. Ach ’s e an rud as cudromaiche an-dràsta na dealbhan. Chan atharraich mi am pàipear-balla gus an coilean mi an gnìomh-sa.
 

Ach drochaid gu buileach eile a-nochd: èistidh mi, a’ chiad turas, ri Ropewalk – a cheannaich mi san t-Sultain an uiridh …

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s