Fiachan na h-Alba

Phàigh mi air ais Housing Benefit Overpayment an-uiridh, cho luath ’s a d’fhuair mi tax refund; stad a’ bhanca àrachas an taighe a thoirt air falbh às an cunntas agam leotha fhèin. Ach bha mi a’ caomhnadh cha mhòr bliadhna mus robh mi cinnteach gun robh airgead gu leòr agam airson fhiachan màil is cìs comhairle a phàigheadh. (Bha cosgaisean riatanach eile agam cuideachd.)

Abair iongnadh, ge-tà, dar a fhreagair comann an taigheadais nach do dh’iarr iad ach £110.01 (bha mi an dùil air ’s mathaid ceithir ceud gu leth). Leis nach eil iadsan toilichte àireamh an cunntais aca a chur ann am post-d, leis nach eil mise toilichte fònadh, agus leis nach eil am banca an seo cleachdte ri seicichean, chan eil a’ chùis seo air a coileanadh fhathast.

Abair iongnadh eile, ge-tà, as dèidh dhuinn an t-seic a chur a-null (gun chinnt gum faod an comann ga cleachdadh mar a tha i), dar a leugh mi post-d o Chomhairle Cathair Ghlaschu, ag ràdh nach eil mu dheidhinn £160 acasan ormsa, ach thar £180 agamsa orrasan.

Ma sgrìobh mi dhaibh uile an-uiridh dar a thig mi an seo, gheibhinn an t-airgead bhon Chomhairle agus phàighinn comann an taigheadais leis … Co-dhiù, ‘is fhearr deireadh math na droch-thoiseach’: cho tràth ’s a nì mi chùis air fiachan na màil, bidh mi gun fhiachan sam bith – agus tha airgead gu leòr agam mu thràth eadhon nam briseadh an laptop agus an Kindle agam.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s