Fiachan agus fiaclan

As dèidh dhomh an tuarastal fhaighinn, agus leis am punnd Sasannach cho ìosal mar a tha e an-dràsta, tha e coltach gum faod mi mu thràth na fiachan a phàigheadh a tha orm aig a’ chomann thaigheadais (màl) is Comhairle Ghlaschu (cìs comhairle). Ach cnuasaichidh mi mu dheidhinn an toiseach: faodaidh gum bi cosgaisean eile agam ann an ùine nach bi fada – speuclairean ùra, laptop ùr, gluasad dha flat ùr – cò aig a tha fios dè thachair.

Gu fortanach, cha do chosg às-tharraing fiacla eile an-diugh mòran. Leis an fhìrinn innse, eu-coltach ri ann an Alba, cha do chosg an às-tharraing fhèin sgillinn ruadh, ged a bha agam ri pàigheadh airson na riaghailte-lèigh, airson na h-antibiotaige. (Ach a dhuine dhuine, bha agam ris na fiaclan a tha air fhàgail a chunntadh: bha mi air cho mòran dhiubh a chall nach robh cuimhne agam tuilleadh cia mheud. Uill, tha deich air falbh is dà air fhichead nam bheul fhathast.)
 

Earr-sgrìobhadh, 24/3/16: Agus bha e glè mhath gun do dhàilich mi sgrìobhadh dhan chomann thaigheadais, oir chosg na speuclairean ùra naoi mìle crùn – timcheall air a thrì uiread na bha dùil agam . . .

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s