CLÌ is Cothrom nan stad

Nochd a’ chiad drochd naidheachd mu dhàn ChLÌ san Dùbhlachd. Lean puist-d bhon bhuidheann chun na buill gun robh i a’ mairsinn fhathast; fiù is fhoillsicheadh iris ùr eile dhe Chothrom. Ach lean puist-d eile sa mhìos seo: dùnaidh iad an oifis aca ann an Inbhir Nis; cuiridh iad stad air na clasaichean aca agus air Cothrom; leigidh an stiùiriche eadar-amail dhi a dreuchd agus caillidh an dithis luchd-obrach làn ùine eile aca an cosnadh. Sia làithean na b’ fhaide, bha seo sna meadhanan cuideachd.

’S bochd sin gu dearbh. (Seadh, tha an dà chuid am post-d agus an t-alt BhBC ag ràdh nach e deireadh buileach a tha seo, ach chan eil mi ro dhòchasach. Cùrsaichean gun mhaoineachadh? Agus cò a bhith ùine aige airson an ràitheachain?) Ged nach eil mi tuilleadh, bha mi corra bhliadhna nam bhall mi fhìn; bha corra bhliadhna Cothrom am measg nan dòighean leis a chum mi suas, eadhon chur mi am feabhas, mo chuid Ghàidhlig. Tha cuimhn’ agam fhathast air duilleagan-còmhdachaidh is altan sònraichte …

Agus tha mi brònach airson Ruairidh MacIlleathain cuideachd. Ged a bha e air fhàgail mar dheasaiche roimhe seo, feumaidh gu bheil e glè dhubhach, a’ faicinn deireadh a’ pròiseict anns an do chuir e cho mòran saothrach thar nam bliadhnaichean …

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s