Ag imrich ’s a’ suidheachadh

Shoirbhich mi. Fhuair mi na h-iuchraichean, ghluais mi na ciad rudan bhon ostail, agus (còmhla ri Rob) an leabaidh bhon t-seilear. Caidilidh mi san àite ùr a-nochd.

Tha fhios gum bi mòran obrach ri dhèanamh san fhlat fhathast. Ga nighe is sgioblachadh, na rudan eile agam a ghluasad ann agus gan suidheachadh, an t-Eadar-lìon fhaighinn ann, an seòladh ùr innse dha iomadach duine is buidhean, deasg is cathair (agus diofar rudan nas lugha) a cheannach . . .
 

Caisteal Dhùn Stafhainis.


Ach rinn mi a’ chiad cheum. Leis an fhìrinn innse, chan eil am flat a’ còrdadh rium ro mhath, ach chan eil teagamh nach fhoghnaidh e. Agus tha dùil agam cadal ceart fhaghinn aon oidhche a dh’aithghearr mu dheireadh thall. Tha mi glè fheumach air . . .

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s