’S dòcha gun tàinig an t-Earrach

An t-siathamh latha an Giblean. ’B àbhaist dhomh an dàrna ‘Trian’ dhen bhliadhna a thòiseachadh air an latha seo. ’B fheàrr leam gun robh fhios agam càit am bi mi air an latha seo an ath-bhliadhna.

Ann an dòigh, tha e gu math sìmplidh. An dara cuid gheibh mi obair gu luath, agus bi mi fhathast an-seo, bochd ach sàsaichte, a’ feuchainn fhathast ri saoranachd fhaighinn; no nach fhaigh, agus bi agam ri tilleadh dhan t-seann bhaile, air briseadh-dùil a ghabhail ach beò.

Eaglais Naomh Conan, Loch Obha, Earra-Ghàidheal


Chan eil mi airson tilleadh idir. Bhiodh mi na b’ fhaisge ris na càirdean agam (ach a-mhàin aon dhiubh), ach bhiodh cianalas glè mhòr orm air an dùthaich seo. Agus chluinninn an cànan neo-fhonnmhor sin fad na tìde . . . Air an làimh eile, ’s mi fhìn as coireach ris an t-suidheachadh anns a tha mi an-diugh; feumaidh mi gabhail ris.

Co-dhiù no co-dheth, ge be dè thachras, bu chòir dhomh oidhirp a dhèanamh ri faighinn cho mòran ’s a ghabhas bho na tha ann fhathast dhe mo bheatha. Agus mar a thuirt Naomh Mike, “Seadh, tha seo cruaidh, ach tha mise nas cruaidhe”.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s