Crùbach

Thuirt an fhàiltiche aig mo dhotair-teaghlaich nach robh rud sam bith ceàrr air na sampallan fala agam: deagh naidheachd, chan eil tinneas an t-siùcair orm, mar a bha air mo sheanmhair.

As dèidh sin, aig Western Infirmary, dhearbh an dotair gun robh nearbh a bha na thrioblaid, ach cha do sheall gathan-x rud sam bith ceàrr a bharrachd. Thuirt e gur dòcha gun leasaich a’ chas leatha fhèin uidh air n-uidh. Ge-tà, bidh deuchainn eile ann, agus thèid mi gu teiripe-chuirp no physiotherapy mar an ceudna. (Eadar dà sgeul, dh’ionnsaich mi bhon litir bhuaithe thuca gu bheil “footdrop” a tha air.)

Air an dàrna làimh, tha e coltach nach e droch-dhuilgheadas a tha ann, agus gun tèid e air falbh aig a’ cheann thall. Air an làimh eile, am faod mi obair a shireadh agus uiread de thadhalan meadaigeach romhamsa? Ach co-dhiù no co-dheth, chòrd a’ mhadainn rium, an dà chuid dar a bha e grianach ’s mi a’ dol dhan Taigh-Eiridinn an Iar, is dar a bha an t-uisge ann ’s mi a’ tilleadh bhuaithe.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s