Lùnastal agus Uicidhean

Tha an Lùnastal am measg nam mìosan nas cudromaiche nam eachdraidh phearsanta. Rugadh mise agus fear dhe na trì daoine as cudromaiche dhomhsa san Lùnastal; thòisich na sia bliadhnaichean a b’ fheàrr agus a b’ “fhormative” dhe mo bheatha san Lùnastal; thàinig mi a dh’Alba a’ chiad turas san Lùnastal, agus b’ ann san Lùnastal eile a bha mi an Alba a chuir mi romham gun dèanainn in-imirich an-seo…

Cuideachd, thòisich mi ri deasachadh ann an Uicidhean san Lùnastal, leis am frith-ainm seo co-dhiù. Trì bliadhna agus fichead mìle mùthadh nas fhadalaiche, cho-dhùin mi nach eil an dòigh anns a bha mi a’ cumail nan clàran-faire agam reusanta. ‘S e caitheamh ùine a bhith a’ sireadh duilleagan airson sguabadh às na clàran nuair nach eil iad air an deasachadh co-dhiù. Air an làimh eile, chan fhiach duilleagan dlùth ri mo chridhe a chumail ann nuair a dh’atharraicheas iad cha mhòr gach latha, agus grunnan luchd-cleachdaidh earbsach a’ toirt aire orra.

Eaglais Glamais

Eaglais ann an Glamais


An latha an-diugh, chan eil 100 Mbit/s agam agus chan eil mi airson an t-àm saor agam a chur seachad air an Eadar-lìon an ìre mhath uile gu lèir. Rinn mi ath-sgrùdadh nan clàran mu dheireadh; bho seo, bidh mi a’ sguabadh às dìreach na duilleagan air a bhios trafaig ro mhòr – ach iad sin gu neo-thruacanta.

Tha mi an dòchas gum bi barrachd ama agam airson obair Uici ceart. Bhon a tha mi a’ beagachadh air àireamh nan làraichean-lìn air a tha mi a’ cumail faire mar an ceudna (mar eisimpleir, chan eil mi ach seachd cunntasan Dranndair a’ leantainn tuilleadh), ‘s mathaid gum bi fiù agus barrachd ama agam airson turasachd, leabhraichean agus blogaichean…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s