Baile Udain

An dèidh dìreach trì làithean obrach anns an fhactaraidh chearcan, cha robh dhìth orra air uiread de dh’obraichean. Ge-tà, na bu luaithe na cola-deug bha obair ùr agam ann am factaraidh èisg ann an Uddingston. Tha e coltach gum bi mi ann nas fhaide na seachd seachdainean, mar a bha mi ann an Guireag agus ann an Queenslie – a chionn ‘s nach eil an obair a’ còrdadh rium cus, ach on nach eil i ro dhona a bharrachd.

Leis a’ bhun-tuarastal nàiseanta, latha obrach gu tric nas giorra na ochd uairean, agus tiogaidean trèana, chan fhaigh mi mòran. (Leis an fhiaclaire, cha do ruig mi eadhon stairsneach na cìse gach seachdain.) Agus b’ fheàrr leam nam biodh an obair beagan nas blàithe.

Air an làimh eile, ‘s e “obair 9–5” a tha innte: a dh’aindeoin faide an turais, èirichidh mi nas anmoiche na b’ àbhaist dhomh a’ tòiseachadh obair cheart. Nuair a dh’fhàgas sinn nas tràithe na còig uairean, uill, tha sin a’ ciallachadh barrachd ama shaoir. Ged a tha na tursan fada, tha iad tlachdmhor. Ri taobh a’ Chanàl, air an trèana, tro Bhaile Udain (an-dràsta ‘s a-rithist, bidh fàileadh fìor mhath (faoineag?) ann an adhair na maidne faisg air an fhactaraidh-fhuine Tunnock’s)… Agus tha ‘s dòcha barrachd Albannaich na h-in-imrichean san rùm far a bheil mise ag obair.

Fhuair mi seacaid rùisg, bòtannan agus buailt; shaoilinn gu bheil iad ag iarraidh orm feitheamh. Shaoilinn gum feith mi greis gu dearbh.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s