Ath-thathaich na sean dùthcha 4 – Co-là-breith Roib

Dhraibh Rob mi dhan Mhakro, far an do cheannaich mi ceithir pasganan mòra toitein, botal ruim airson caraid ann an Firhill Ct, botal Old Smuggler mar thìodhlac do Rob an àite an Glen Moray air a ghoid, agus thug mi dà bhocsa falamh airson pasganan.

Chaidh sinn dham fhlat, far an do roghnaich e dè de na rudan nach biodh mi a’ cumail a dh’iarradh esan, agus nuair a dh’fhàg e, chuir mi a h-uile rud nach biodh dhìth orm tuilleadh dha pocannan, màlan-droma agus bocsaichean. Cha robh seachd uairean nuair a chaidh mi a Chobra.

Chuidich mi e tatarák is sliseagan arain air am praidhigeadh a thoirt bhon Tipáč dhan bhàr aigesan, bha sinn (agus a dh’aithghearr Šíma) greis aig a’ chuntair, ach nuair a thàinig Dave, ghluais sinn gu bòrd is cathraichean-ghàirdeanach, far a shuidheas Peters agus Olda sìos thugainn. (Bha  Danča ag obair air cùlaibh a’ bhàr, agus nochd Kizzen leis a chaileag agus cù geal cuideachd.) Bha iad ag òl mòran “mexická pěst” (beachd-smuain aig Dave), mi fhìn kofola is Walker (agus aon tatranský čaj beag o Rob) agus a’ bruidhinn – uill, bha am poileas a’ bruidhinn a bu mhotha, ach cha robh e dona idir.

Na b’ fhaide, thuirt Rob gun robh e a’ fàgail, ach somehow or other ghluais sinn dìreach air ais dhan bhàr (gun Pheters) agus esan a’ dòrtadh an t-Smuggler. Dh’fàg Šíma, dh’fhàg Olda, dh’fhàg Rob (air a dhealachadh ri Danča a-rithist), agus as dèidh cuairt no dhà Jameson dh’fhàg mise is Dave mar an ceudna aig mu leth-uair an dèidh meadhan oidhche. (Thuit Dave chun a’ bhòrd nuair a bha sinn a’ fàgail.)

Bha dùil agam (agus fhad ‘s fhiosrach mi, aig Rob is Šíma) gun suidhicheas an triùir dhinn aig a’ bhàr ann an còmhradh ciùin. Thachair rudeigin eile – ach cha b’ fheàrr leam e dad nas lugha. ‘S iad pàrtaidhean ris nach robh fiughair an seòrsa as fheàrr.

(Chuir e iongnadh orm ge-tà gun do dh’òl mi nas motha na Diluain ach gun robh mi na bu stuama.)
 

(Air fhoillseachadh o thùs sa Ghiblean ’12.)

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s