Latha math

Tha fhios gun do mhothaich mi gun robh mi a’ tuiteam dha gràthachas na seann dùthcha: a’ cur seachad a’ chuid as motha dhen àm agam air an Eadar-lìon. Ach leis na bha ann de dh’aimsir, leis na làithean goirid, leis nach robh obair agam ‘s nach robh mi glè shuas nam inntinn agus leis nach robh agam ri èiridh ro thràth sa mhadainn…

Ach bha latha gu math brèagha an-diugh agus mar sin chaidh mi a-mach a’ rannsachadh Glaschu a-rithist. Lorg mi a’ chathair-eaglais Grèigeach, thog mi dealbhan dhith (bha mi airson tè a chur dhan en-wiki – fhuair mi a-mach an-dràsta gun do chuir cuideigin eile tè ann o chionn trì làithean ach coma leam. ‘S dòcha gun sgrìobhainn aiste ann an gd-wiki agus cleachdaidh tè ann), thill mi tron Ghàrradh Lusan (far an do rinn mi a’ chiad “thumbs-up” agam mu dheireadh thall ri draibhear air choireigin) agus ag atharrachadh bruaichean aibhne Kelvin, a’ dol a’ chiad turas fon drochaid aig Eaglais Stevenson (ged a bha mi air coimhead air an fhrith-rathad bhon drochaid iomadh uair), fhuair mi a-mach mu dheireadh thall ciamar a tha an abhainn a’ ruith fon drochaid thar Rathad Mòr an Iar, agus…

… agus bha mi a’ faireachdainn an ìre mhath mar a bha mi rè thursan coltach san t-Samhain. Leis a’ ghrian ‘s an adhair, le eacarsaich chorporra, le fios nach robh cabhag orm agus le faighinn a-mach rudan ùra (agus rudan a bha mi airson faighinn a-mach greis fhada), bha sgrìob sgoinneil agam.

‘S mathaid gu bheil fiù ‘s an t-earrach a’ tighinn?

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s