Na Cuaigearan

Air 2 an Lùnastal ’09, sgrìobh mi an teacsa seo. Mas math mo chuimhne, leugh mi an aiste ann an Uicipeid, ach cha do leugh mi rud sam bith eile mun deidhinn ach a-mhàin naidheachdan ùra an-dràsta ‘s a-rithist co-cheangailte ri bainnsean gèidh.

Chan eil cuimhne agam tuilleadh ciamar a thàinig am beachd-inntinn gum faighinn a-mach a bheil Cuaigearan sam bith ann an Glaschu dha m’ eanchainn; co-dhiù, lorg mi gu bheil. On a bha mi gun obair, le àm gu leòr agus a’ faireachdainn nam aonar, thòisich mi ri meòrachadh air tachairt riutha.

Taigh-coinneimh nan Cuaigeran ann an Glaschu

Chuir mi seachad mòran uairean a’ leughadh caochladh làraichean-lìn nan Cuaigearan; san fharsaingeachd, bu thoil leam na leugh mi. Agus Didòmhnaich, 22 am Faoilleach, rinn mi a’ chùis air a’ phòbia shòisealta orm agus ghabh mi pàirt anns a’ “choinneamh adhraidh” aca.

Cha robh e dona idir. ‘S e “adhradh neo-phrògramaichte” mar a chanas iad a tha aca: tha seo a’ ciallachadh gun robh sinn a’ chuid as motha dhen àm dìreach nar suidhe gu balbh. A dh’aindheoin sin, cha robh e ràsanach; chaidh an uair seachad gu socair ach gu luath. Thachair feadhainn “ministrealachdan” rè na tìde cuideachd, ach ged a bha fuaim car “textbookish” aca, chan ann eudmhorach no ro-fhaicsinneach a bha iad.

Bha e math a bhith a’ beachd-smaoineachadh ann. Dh’fhalbh mi ann an glè dheagh shunnd, a’ smaointinn gun tèid mi a-rithist an ath Dhidòmhnaich, agus gun fuirich mi fiù ‘s airson “àm cupa a’ chofaidh” as dèidh an adhraidh. Ge-tà, fad na seachdaine as dèidh sin, bha mi a’ cnuasachadh: am bu chòir dhomh a dhol ann (ma dh’fhaoidte eadhon iompaich gu Cuaigearachd san àm ri teachd)? Aig a’ cheann thall, cho-dhùin mi nach tèid mi.

Tha fhios agaibh, bu mhath leam tighinn gu bhith ball na coimhearsnachd sin – ach ‘s e sin a’ cheart thrioblaid. Thuig mi gun robh ùidh na bu mhotha agam anns an raon shòisealta na anns an raon spioradail/fheallsanachail.

A dh’aindheoin a h-uile rud, ‘s e creideamh a tha ann an Cuaigearachd; tha cuideam ro mhòr air Dia innte air mo shonsa. Cuideachd, ged a tha mi a’ creidsinn ann an onair, chan eil mi a’ creidsinn gur ann an còmhnaidh a tha fìrinn nas fheàrr na breug. Agus ged as lugha orm fòirneart neo-fheumail, chan eil mi air a bhith riamh nam shìochantair.

Seadh, dh’fhaodainn leigeil orm gun robh mi a’ sireadh mo fheallsanachd fhathast. Ach cha bhiodh sin onarach – agus cha bhiodh sin cothromach dhaibhsan a bharrachd.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s