Rugbaidh

Chan eil ùidh agam ann an rugbaidh. Leis an fhìrinn innse, chan eil ùidh agam ann am maids spòrsa sam bith mur aithne phearsanta dhomh fear dhe na farpaisich.

Là na Bliahdn’ Ùire seo ge-tà, nuair a chunnaic mi a’ mhòr-shluagh a’ dol seachad air an uinneig agus fhios agam nach robh Partick Thistle a’ cluich, rinn mi rannsachadh sgiobalta agus fhuair mi a-mach gun robh na Glasgow Warriors a’ cluich an aghaidh sgioba Dhùn Èideann, agus gun robh am maids air BhBC Alba.

Bha e beagan neònach a bhith nam shuidhe anns an t-seòmar agam, le maids a’ dol nas lugha na ceud meatair bhuamsa air an laptop agam. Ach chan eil ùidh agam ann an rugbaidh, ‘s mar sin, chluich mise dà gheama 囲碁 air PandaNet an àite coimhead air.

Bha mi toilichte gun do cheangail an laptop ris an t-server gun thrioblaid sam bith, ged a bha seo a’ chiad uair ‘s a bha mi a’ ceangal à Alba. Cha robh mi cho toilichte nuair a chaill mi an dà gheama le chèile. Ge-tà, bhuannaich na Warriors.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s