Eagal ro Ghlaschu… seachad

Seo agaibh eisimpleir eile mar a tha gu tric eagal oirnn ro rudeigin dìreach oir nach eil sinn eòlach air.

Nuair a bha mi a’ sireadh companaidhean Teacach a bha a’ tairgsinn obair ann an Alba, cha do lorg mi tè le cothrom an àite sam bith ach a-mhàin Glaschu. Bha mi mì-thoilichte le sin, oir bha eagal mòr orm ro Ghlaschu: feumaidh gu bheil baile cho mòr làn eucorach, feumaidh gur ann glè chunnartach a bhith a’ coiseachd air sràid as dèidh dol fodha na grèine ann agus mar sin sìos.

O chionn trì mìosan, nuair a bha fios agam mu thràth gum b’ e gu dearbh Glaschu an t-àite dham biodh mi a’ dol fuireach, bha gach naidheachd BhBC mu dheidhinn eucoir ùr air choireigin ann gam dhèanamh na bu nearbhaiche. Bha mi a’ smaoineachadh, glè mhath, toiseach tòiseachaidh ann an Glaschu, ach teichidh mi cho luath ‘s a thèid agam.

Tha mi air a bhith cha mhòr dà mhìos an-seo a-nis, agus mar a sgrìobh mi mar-thà, ‘s toil leam a’ bhaile dha-rìribh, ged a b’ fheàrr leam fear na bu lugha ann an Siorrachd Pheairt. Tha e fada nas bòidhche na bha dùil agam, agus on a tha mi eòlach air grunnan àiteachan aige, dh’fhàs mi cleachdte riutha, agus mar sin, chan eil eagal orm ron bhaile tuilleadh. Chan eil eagal nas motha na ann am Budweis co-dhiù.

Co-dhiù no co-dheth, mar a sgrìobh mi an àite eile, ‘s e seo a’ chiad àm Nollaige a tha mi a’ cur seachad an-seo, agus tha mi an dòchas nach e àm mu dheireadh!

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s