Trì bàsan

Chaochail trì fir ainmeil taobh a-staigh grunnan latha o chionn ghoirid: Christopher Hitchens, Václav Havel agus 김정일.

‘S e bàs Christopheir Hitcheins a bha na bu bhrònaiche dhomhsa. Feumaidh mi aideachadh nach do leugh mi càil a sgrìobh e. Ach chunnaic mi an deasbad telebhisein anns a bha e, còmhla ri Stephen Fry agus an aghaidh Ann Widdecombe is John Onaiyekan, a’ beachdachadh ma tha an Eaglais Chaitligeach “a force for good in the world”. Nam bheachd-sa, rinn an dithis a’ chùis le argamaidean làidir air agitprop de dhà Chaitligeach.

Bu toil leam Havel na bu mhotha mar dhràmaire na mar neach-poilitigs. Rinn e mòran airson deamocrasaidh ann am meadhan na h-Eòrpa ann an 1989, ach an dèidh sin ‘s na dhèidh, ‘s ann barrachd air fichead bliadhna bho na làithean sin. Seadh, bha e na cheann-shuidhe airson bhliadhnaichean as dèidh sin, ach chan eil ceann-suidhe na Teice fada nas cumhachdaiche na banrigh na Breatainne. ‘S e am prìomh-ministear an ceannard anns na dùthchannan le chèile.

Cha robh mi san Theic aig an àm sin, ach cò air bith a chuir post-dealain thugam mu dheidhinn, bha iad ag ràdh gun robh iad seachd searbh de mar a bha na meadhanan is na luchd-poilitigs “hysterical” air sgàth a’ bhàis is an tòrraidh. A dh’aindheoin sin, bha rudan fada na b’ os-fhìreaiche a’ tachairt ann an Àisia…

Tha fios gum bi e glè chudromach cò a bhios na cheannard Coirea a Tuath, leis na h-airm niuclasach aca, ach chan urrainn dhuinn càil a dhèanamh ach feitheamh. Air an làimh eile, bu mhath leam gum biodh fios agam dè cho fìor ‘s a bha na seallaidhean tuiridh air beulaibh nan camarathan. Bha mi fhìn a’ fuireach ann an stàit co-mhaoineach cuideachd…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s