Dùn Chailleann (Dih, 18/11/11)

Chan eil cuimhne agam cuin a bhuail an t-smuain orm; co-dhiù, chuir mi romham gun tadhlainn air Cathair-eaglais Dhùn Chailleann a-rithist “a dh’innse dhi gun do chum mi a’ Bhòid”.

Bha mi a’ sòradh sa mhadainn, on a bha i gu math neulach, ach b’ e seo an deireadh seachdain “fada” mu dheireadh agus chaidh mi ann. Bha i neulach fad an latha agus bha uaireannan an t-uisge ann cuideachd, ach tha mi toilichte gun deach.

Chunnaic mi a-rithist sealladh-dùthcha Thaobh Tatha (ged a bha an cutie a bha na shuidhe thar trannsa na trèana a Pheairt beagan buaireach), Drochaid Dhùn Chailleann (ged a chaill mi an t-astar mus do lorg mi e), Abhainn Tatha, an ceàrnag agus an Cathair-eaglais fhèin. Bha mi nam shuidhe innte air an treast chlì mu dheireadh mar an do rinn mi an-uiridh, ach leam fhìn an turas seo. Dh’innis mi gun robh mi air ais, gheall mi a-rithist na gheall mi ann an Àrd-eaglais Naomh Anndra – agus rinn mi ceann-latha rium fhìn anns an dearbh àite aig deireadh samhraidh no foghar an-ath-bhliadhna.

Chunnaic mi an “taigh-tasgaidh” ann cuideachd, chuir mi seachad greis air lèanag na h-eaglaise a’ coimhead an Tatha, cheannaich mi toitein is The Guardian aig a’ bhùth phàipearan “for old times’ [an-uiridh] sake”, agus as dèidh uair gu leth bha mi a’ dol air ais – ach b’ fhiach e gu dearbh. B’ fhìor thoil leam an turas, uisge ann no às, agus bu thoil leam gun do chuir mi crìoch samhlachail air cearcall beatha eile.

San Tesco air an oidhche, cheannaich mi eadhon canaichean Tennent’s – cha do dh’òl mi alcol gu seo an Alba am bliadhna, ach an dèidh latha mar seo…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s