An dàrna seachdain obrach

Ged a bha mi ag obair (sioftaichean an fheasgair), cha robh na chiad trì làithean dhen sheachdain gun thachartasan.

Dh’fhòn mi do dh’ionad-obrach sa mhadainn Dhiluain airson NINO fhaighinn: ged a bha am boireannach a’ bruidhinn Beurla ghlan, b’ ann mì-mhisneachail nach do thuig mi rithe gu math tric, ach rinn mi ceann-latha riutha mu dheireadh thall. Agus chòrd an turas bhon obair air an oidhche rium, nam shuidhe air cùlaibh a’ dhràibheir.

A’ dol dhan obair Dimàirt, mhothaich mi gu bheil an Stow College glè fhaisg air an M8 agus air stèisean rèile fon talamh Cowcaddens (eadar dà sgeul…), agus nuair a chunnaic mi gum b’ e taigeis tè dhe na roghainnean suipeire, tha fhios dè a thagh mi. A’ chiad turas a dh’ith mi i “mar bu chòir”, le snèap is buntàta, agus ged nach eil mi, san fharsaingeachd, glè dhèidheil air glasraich ach a-mhàin buntàta, fhreagair an t-snèap ri càch gu math.

Diciadain? Chuireadh crìoch air “raon-smocaidh” an ostail; a’ dol dhan obair a-rithist, chunnaic mi am “bridge to nowhere” ainmeil air an làimh chlì; agus air an oidhche, chleachd mi tostair airson a’ chiad uair – riamh, ‘s mathaid…

Agus ged am b’ e Diardaoin latha dheth agam, cha deach mi a dh’àite sam bith – bha mi ag iarraidh tadhal air Partaig ach bha an t-uisge ann air fad an fheasgair agus gus deach mi dha mo leabaidh… Ge-tà, fhuair mi a-mach gu bheil an cashcard agam ag obair ann an innealan-airgid Breatannach gu dearbh agus thàinig a’ chiad bhileag-phàighidh agam. Ge-tà, chan eil an cashcard aice agam fhathast, agus air sgàth an uisge bha agam ri smocadh fon Nolly Brig

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s