Lynedoch Place / Kelvingrove (Did, 6/11/11)

Chunnaic sinn tùir inntinneach o mhullach Ruchill Park agus chuir sinn romhainn gun coisicheamaid thuca. Bha sinn aig na h-Eaglaisean Naomh Moire is Lansdowne Dihaoine; ge-tà, thug e an uairsin ‘s mathaid uair a thìde a’ sireadh air Google Earth mus d’ fhuair sinn a-mach gur ann ann an Lynedoch Place a tha an fheadhainn eile. Chaidh sinn ann Didòmhnaich agus chuir iad iongnadh orm on a tha coltach gur e aon dhiubh dìreach an tùr, agus tha iad le chèile “for sale”.

As dèidh sin, choisich sinn thar Kelvingrove Park gu Kelvingrove Art Gallery and Museum. Cha chreid mi gun robh mi ann an taigh-tasgaidh no gailearaidh sam bith bho 1990 ann an Dùn Èideann ach nuair a bha mo phàrantan ag iarraidh orm ri dhol còmhla riuthasan. Mar as àbhaist, bha mi air mo shàrachadh. Ach chaidh sinn a-steach dhan Khelvingrove agus chòrd e rium. Chòrd e rium cho math gun do dh’innis mi dhomsa gum feumaidh mi a dhol ann dà thuras tuilleadh nuair a bhios aimsir dona ann (bha a’ chiad sheachdain ‘s a bha mi an Alba glè ghrianach): aon thuras airson na dealbhan fhaicinn mar bu chòir (gu sònraichte, ach chan ann a-mhàin, The Glasgow Boys – fìrinn innse, tha rudan nas fheàrr ann nan Crìosd le Dalí), an dàrna turas air sgàth nan ainmhidhean, eòin is èisg. ‘S dòcha gun èist mi eadhon ceadal òrgain ma thèid mi Didòmhnaich eile…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s