Air ais gu na h-àiteachan 1990 (Dis, 5/11/11)

Cha deach mi ach air aon sgrìob; ge-tà, thug e ceithir uairean a thìde. An toiseach, chaidh mi dhan Woodside Library gus ballrachd fhaighinn. An uairsin, chuir mi romham gun tadhail mi anns na h-àiteachan anns an do thadhail mi ann an 1990 – nuair a bha Glaschu a’ chiad bhaile an Alba anns an robh mi idir.

Glaschu Mheadhain (stèisean rathad-iarainn): ‘s dòcha gun do lorg mi an dearbh àite far an robh na pocannan-droma againne, fear dhinn a’ cumail fàire orra agus càch a’ siubhail a’ bhaile. (Thug mi Rememberance poppy bho shaighdear aosta airson £1 ann.) Bruach a’ Chluaidh mu dheireadh thall. (Cha robh mi air an abhainn fhaicinn rè na trì làithean fhathast.) Àrd-eaglais Naomh Anndra, ‘s mathaid a’ chiad eaglais bheag am faca mi soillsichte air an oidhche. (Fhuair mi a-steach an turas seo, shuidh mi sìos ann an treast agus lean “bòid” eile an tè ann an Dùn Chaillinn.) Glasgow Green, far an do chuir sinn seachad an oidhche. (Cha do lorg mi an dearbh àite sin agus cha deach mi ro fhada a-steach oir bha deuchainn fhuaim ann ron Bhonfire Night.) Taobh an Trongate leis a’ Mhercat Cross (nach fhaca mi an uairsin) gu Ceàrnag Sheòrais leis na City Chambers far an do shuidh mi ann an seathar comhairliche taobh a-staigh turas-treòraichte. (Bha e coltach gun robh mi a’ faicinn na demonstrators mu dheireadh a’ dèanamh deiseil airson gluasad dhan Kelvingrove Park.) Oilthigh Srath Chluaidh nach do chòrd rium gu mòr aig an àm sin oir ‘s fheàrr leam clach na breicean. (Shaoilinn a-nis gu bheil breicean cho dualach do Ghlaschu ri clach.) Agus a’ Chathair-eaglais – chan iongnadh gu bheil i cho math ‘s a bha i o chionn bliadhna air fhichead.

Eadar dà sgeul, chan eil fhios agam a bheil àile Ghlaschu nas glaine na ann am Budweis, no an e na tursan a tha mi a’ dèanamh (seach a bhith nam shuidhe aig an laptop) as coireach, ach mhothaich mi gu bheil m’ analachadh a’ fàs fada nas fheàrr bhon thàinig mi an-seo…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s