Sruthan is tùir (Dih, 4/11/11)

Chum mi aig a bhith nam fhear-turais/rannsachaidh air an dàrna latha. An toiseach, choisich mi air bruach meòir Ghlaschu dhen Rathad-Uisge Fhoirthe is Chluaidh gus an drochaidh gu Murano Street Student Village; sgrìob tlachdmhor eadhon ged a bha ciùthran ann. As dèidh sin, a’ dèanamh ceannach bìdh mu dheireadh thall ann an Tesco Express, tha fhios gun do cheannaich mi Yorkie. Na b’ fhadalaiche, bha mi a’ coiseachd thall ‘s a-bhos anns an Ruchill Park a-rithist, a’ togail dealbhan an turas seo.

Thill mi aig ceithir uairean agus thuirt mo roommate gum biodh e a’ dol a-mach le caraid na tùir a chì sibh bhon phàirc a shireadh ann an leth-uair a thìde. Shòr mi greis, ach chaidh mi riuthasan agus cha do chaoidh mi sin idir. Bha Àrd-eaglais Naomh Moire, Lansdowne Church, agus gu h-àraidh an Oilthigh is Taigh-tasgaidh Kelvingrove faicte bhon Oilthigh gu math snog fiù ‘s ann an dorchadas. ‘S fìor thoil leam seòrsa na h-ailtireachd seo. (Gu nàdarrach, tha mi airson tilleadh gus am faicinn ann an solas na grèine.) Cuideachd, fhuair mi a-mach gu bheil dà abhainn ann an Glaschu, agus gum b’ ann tarsainn Kelvin a bha an drochaid thar an deach sinn air an Great Western Road.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s