Sauchiehall St / Ruchill Park / Subway (Diar, 3/11/11)

Sa chiad mhadainn ann an Glaschu, bha an roommate agam airson a dhol dhan bhaile le dithis a bha air fuireach an-seo greis mar tha agus fear ùr eile. Chaidh mi còmhla riutha, a’ coiseachd airson a’ chiad turas air Firhill Rd, Garscube Rd, fon M8 agus taobh Chambridge St chun t-Sauchiehall St. Chunnaic mi an t-ainm Sauchiehall gu math tric air pàipear no air an sgrìn, ach cha robh mi air an t-sràid riamh. Bha an-dràsta: ciamar a chomharraichidh mi seo? Seadh, cheannaich mi botal lionna nach do dh’òl mi bhon Lùnastal an-uiridh – IrnBru.

Tràth san fheasgar, chaidh mi leam fhìn an Ruchill Park fhaicinn. Chòrd i rium gu math – chan ann ro mhòr no ro bheag a tha i agus cha robh ach beagan dhaoine innte – bha i ciùin mar bu chòir dha pàirc a bhith. Bu toil leam as motha an dà pholl agus an tolman, ged nach eil Glaschu a’ coimheadh ro bhrèagha bhuaithe. Nuair a bha mi ga fàgail, bha fhios agam gum bithinn a’ tilleadh gun teagamh. An uairsin, lorg mi an Queen’s Cross Church le Charles Rennie Macintosh.

Shiubhail mòran dhuinn na b’ anmoiche san fheasgar dhan CDR airson deuchainnean alcoil is drugaichean. Bha mi, gu nàdarrach, cinnteach mu mo dheidhinn-sa; b’ e an rèile fon talamh an rud a chuir iongnadh orm. Cho seann, beag is dachaigheil, le tunailean mar chearcaill seach ugh-chruthan, agus am mullach na b’ ìsle na mise nuair nach robh mi nam sheasamh ann an teis-meadhan a’ charbaid. Èibhinn ach math… Cha robh Govan (far a bheil oifisean a’ chompanaidh) a’ coimhead dona idir, ach chan eil fhios agam co-dhiù nach robh sin air sgàth ‘s gun robh e dorcha an dèidh a’ chiaraidh.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s