Rob / Turas-adhair (Dic, 2/11/11)

Bha e math gun robh Rob gar (mise, esan is a’ chaileag aige) draibheadh bhon bhaile anns a tha sinn a’ fuireach chun a’ phuirt-adhair (mu 150 mìle). B’ esan am fear mu dheireadh air a tha mi eòlach còmhla ris a chuir mi seachad na h-uairean mu dheireadh san dùthaich sin. Freagarrach. Ged as fheudar dhomh aideachadh cha mhòr nach do shil mi deur no dhà nuair a bha mi ga choimhead a’ fàgail talla a’ phuirt-adhair, a’ tuigsinn gum biodh ùine fhada gus am faic mi e a-rithist…

Cha robh mi air sgèith ach nuair a bha mi sia bliadhna deug agus, air adhbhar air choireigin, theab mi an turas a dhìochuimhneachadh gu tur. Mar sin, bha e mar gum b’ e a’ chiad phàirt dhen turas (le Ryanair a Lunnainn Stansted) a’ chiad turas adhair agam. Bha e inntinneach, an toiseach gu sònraichte: dh’èirich sinn far nach robh beul na h-oidhche cho dorcha fhathast agus bha sinn a’ sgèith os cionn nan sgòthan.

Tha fhios nach robh eagal orm gun tuit am plèana; bha eagal orm gun tig breisleach orm ann an Lunnainn agus cha tèid agam atharrachadh bhon chiad phlèana dhan dàrna fear. Mu dheireadh thall, bha agam ri feitheam còrr is uair gu leth. (Faireachdainn neònach ann: mar gum biodh m’ eanchainn a’ diùltadh creidsinn gun robh mi ann am Breatainn mu thràth, as dèidh dìreach seachd uairean.)

Bha an dàrna turas (le easyJet a Ghlaschu) furasta cuideachd, ach bha oidhche ann agus cha do dhùraig mi leantainn a Fhirhill leis a’ mhàla-droma is poca-laptop air busaichean. Ghabh mi tagsaidh. An dèidh a h-uile càil, ‘s e dràibhear-tagsaidh a tha ann an Rob.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s