Criomagan gèidh

Nuair a bha làrach-lìn agam, bha roinn Naidheachdan ann. Sgrìobhainn gearr-chunntas, bheirinn ceanglaichean ris na duilleagan far an robh mi air leughadh mu dheidhinn na cùise, agus chuirinn luaidh goirid mun bheachd agam oirre ris . Beagan coltach ri seo:

An dèidh dhan Riaghaltas Albannach co-chomhairleachadh mu thimcheall phòsaidhean gèidhe a chur air bhog, thuirt sagartan àrda na h-Eaglaise Caitligiche uimhir nan aghaidh.
BBC: Catholic Church steps up gay marriage attack
Pink News: Catholic archbishop urges Scottish parishes to oppose gay marriage
Tha fhios gu bheil iad toilichte aire a tharraing o dhroch-dhìol air cloinn le sagartan Caitligeach eile; tha fhios, nuair a bhios iad a’ bruidhinn mu “discrimination against Christians”, gum bi iad a’ ciallachadh “against Catholics” – ‘s e “discrimination against denominations with non-Catholic viewpoint” an rud ceart ann an sùilean na h-Eaglaise sin.

Chan e an Riaghaltas na h-Alba a-mhàin  a’ dèanamh rudan matha. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cum iad taic bho dhùthchannan a tha a’ tòireachadh nan gèidh.
PN: Andrew Mitchell: UK will withhold aid from African countries with poor gay rights
Bu chòir dhaibh sin a dhèanamh o chionn bhliadhnaichean…

Anns an eadar-àm, thuirt Kevin Rudd gun cuir e ìmpidh air dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis gus laghannan an aghaidh cho-sheòrsaich aca ais-ghairm.
PN: Australian foreign minister to call on Commonwealth to repeal anti-gay laws
Nam bheachd-sa, ‘s e nàire gur ann dùthchannan mar Nigeria no Uganda ann a’ Cho-fhlaitheis fhathast  idir.

Air ais an Alba, ge-tà, thug a’ Phrìomh Mhinistear taic dhan pròiseact It Gets Better le bhidio YouTube aigesan.

‘S ann gealltanach a tha sin, greis ro Choinneamh PNA…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s