‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist, no: Eadar dà thuiteamas

Mar an-uiridh ‘s a’ bhòn-uiridh, tha mòr-chuid mo bheatha “sòisealta” (taobh a-muigh an Eadar-lìn) a’ tachairt san fhoghair.

B’ ann air an deireadh seachdain seo chaidh a thachair a’ chiad chuirm am bliadhna – ‘s e ath-chruinneachadh (an dèidh fichead bliadhna) mo cho-aoisich bhon cholaiste teicneolach agam. Cha robh e foirfe; mar eisimpleir, tha fhios nach robh ùine gu leòr agam airson bruidhinn ris a h-uile caraid math dhomh cho mòr ‘s a bu mhath leam. (Thàinig leth-cheud ‘s a trì dhinn, à seachdad no ochdad.) A dh’aindheoin sin, bha e gasta gu dearbh. B’ e na còig bliadhna sa’ cholaiste agus na daoine còmhla ris a bha mi a’ fuireach sna làithean sin na bliadhnaichean agus an teaghlach as fheàrr a bha agam riamh. Bha e sgoinneil rin coinneachadh as dèidh dà, ceithir, deich no fichead bhliadhnaichean.

‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist còig bliadhna bho seo, eadhon ma bhios mi an Alba. Ach chan eil am foghar seachad fhathast: tadhailidh mi san Ghàrradh Dhearg a’ chiad sheachdain na Dàmhair agus tha e coltach gun tèid mi cuide ri grunnan dhaoine na colaiste as dlùithe dhomh air bummel deireadh seachdaine, mar as àbhaist dhuinn gach bliadhna, san t-Samhain.

An toil leam am Foghar?

7nbsp;

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s