Dealbh na Beinne Meanbha sa’ Vicipéid

Ge be dè an t-adhbhar air sin, thuit mi a-bhàn air a’ Bheinn Mheanbh nuair a bha mi an Alba an-uiridh, ged nach do shreap mi i. San Ghiblean am-bliadhna, mhothaich mi nach robh duilleag oirre san Uicipeid, agus thòisich mi i. Bha mi dhen bheachd gun robh mi air dealbh na b’ fheàrr na an tè a bha sa’ Wikipedia a thogail; luchdaich mi suas i agus chuir mi ris an duilleig i.

An latha roimhe, nochd an deasachadh seo air a’ chlàr-faire agam. Lean mi an ceangal oir bha ùidh agam ann an ainm na beinne sa Ghaeilge. Uill, tha e coltach nach ann eadar-dhealaichte ris an ainm Ghàidhlig a tha e, ach thuit mo shùil air rudeigin eile: chleachd an t-ùghdar an dealbh agamsa! (Cha chreid mi nach fhaca e/i an dealbh “Beurla” cuideachd.)

Tha e math nuair a tha rudeigin a rinn thu a’ còrdadh ri daoine eile…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s