Mission accomplished

Carson nach ceannaich mi dà bhliadhna eile? Leis an fhìrinn innse, cha robh dùil agam idir gun cuirinn seachad uiread de thìde oirre. Aig toiseach-tòiseachaidh, bha mi dìreach ag iarraidh àite leis an iar-leasachan .co.uk far am bi duilleag “mu mo dheidhinn” (agus ceangal dhan duilleag seo a-mhàin air a h-uile “duilleag chleachdaiche” eile agam), seòladh puist-dealain anns nach biodh na litrichean .cz, agus ma dh’fhaoidte dhà no trì blogaichean gach mìos.

An àite sin, sgrìobh mi mu chòig ceud blogaichean anns an dà bhliadhna, agus ged a chòrd e rium glan, tha mi a’ faireachdainn gun tuirt mi cha mhòr ach gach rud cudromach. ‘S fheàrr leam blogaichean goirid agus gu math tearc mar am fear seo a sgrìobhadh a-nis; chan fheum mi làrach-lìn phearsanta air an son. Rè na h-ùine seo, fhuair mi a-mach gu bheil Gmail saor an-asgaidh, agus tha seòlaidhean .com agam an-dràsta. Co-dhiù, chan eil fhios ‘am dè cho tric a thèid agam air a bhith air an Eadar-lìon sna bliadhnaichean ri teachd.

Gu goirid, chan eil mi duilich idir gun do cheannaich mi an àrainn-lìn agus an òstaireachd-lìn, ach cha b’ fhiach dhomh dà bhliadhna eile a cheannach. Mheal mi an t-àm gu dearbh, ach chaidh an suidheachadh agam atharrachadh.
 

(Originally posted on Blogger, 9 Jul 11, titled ‘Deireadh na làraich agam’. Reposted as ‘Mission accomplished’, 4 Aug 11, as the very last post on my own website.)

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s