Gleann na h-ioma-chomhairle – fhathast

Air an ochdamh latha dhen Chèitean sgrìobh mi an-seo nach robh fhios agam an robh mi airson m’ obair ùr a chumail.

Air an fhicheadamh latha – eadar dà sgeul, co-là breith Sheòrais, am fear mu dheireadh air an do ghabh mi gaol – thachair sin còrr is trì bliadhna air ais, agus cha chuala mi bhuaithe còrr is a dhà – ach tha mi a’ dol a thaobh. Air an fhicheadamh latha dhen Chèitean, cho-dhùin mi gum fanainn airson dà sheachdain eile (nan tòisichinn mìos ùr ann, bhiodh aca air m’ àrachas slàinte a’ mhìosa a phàigheadh) agus dh’fhàgainn. Bu bheag orm dòigh na h-obrach na bu mhotha a h-uile latha.

Ge-tà, bha mi ag obair cuide ri daoine eile an seachdain seo – daoine as fheàrr (coltach riumsa) a bhith ag obair gu slaodach ach gu cunbhalach. Agus fhuair mi pàiper a chur iongnadh mòr orm. Tha e coltach gun do thòisich a’ chompanaidh cuid math de dh’airgid a bharrachd air pàigheadh do iad sin a tha a’ fuireach aig àiteachan cèine. On a tha an seòladh oifigeil agam 165 mìle à seo (aig comhairle a’ bhaile anns an àite anns an rugadh mi – gu h-oifigeach ‘s e duine gun dachaigh a tha annamsa, ach tha mi a’ dol a thaobh a-rithist), tha mi nam measg. Mar sin, chan eil mi cinnteach an ceartuair nach b’ fhiach dhomh fantainn, co-dhiù fantainn greis na b’ fhaide.

Ach tha eagal orm gum bi mi ag obair còmhla ris na daoine ris a bha mi ag obair bho thùs a-rithist an-ath-sheachdain, agus tha amharas a’ fàs orm cuideach gu bheil an obair fhèin ro dhona do mo shùilean. ‘S dòcha gum fàg mi mar a bha mi air cho-dhùnadh cheana…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s