Gàidhlig is Teacais

Nuair a thòsich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh, cha robh dùil agam gum faic mi mòran nithean a bhios coltach ris a’ Theacais. Seadh, b’ ann Ceilteach a bha na ciad treubhan an seo air a tha ainmean againn an-diugh. Tha pàirt na dùthcha air a h-ainmeachadh an dèidh fear dhiubh san Laideann agus cànanan eile: na Boii -> Bohemia. Ach as dèidh nan Ceilteach thàinig na Gearmailtich, agus as an dèidh fhèin na Slàbhaich. ‘S ann Slàbhach, seach Ceilteach no Gearmailteach, a tha a’ chuid as motha de na h-ainmean-àite san dùthaich bho thùs.

A bharrachd air sin, cha robh mòran cheanglaichean eadar Alba agus Bohemia, Moràibhia agus Silesia san fharsaingeachd. Chaidh Pavel Kravař, am Pròstanach Teiceach, a losgadh mar shaobh-chreidmheach ann an Cill Rìmhinn. Bha còrr is 3,000 saighdear bho Chlann ‘IcAoidh nan sabaid ann am Bohemia ann an 1626 às leth rìghrean na Danmhairge is na Suaine. Bha ùghdair leabhair Theacaich ainmeil airson cloinne, Jan Karafiát, na oileanach ann an Colaisde na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Bha R W Seton-Watson an sàs anns a’ chruthachadh den Teacaslobhaigia mar aon den bhuaidhean a’ Chogaidh Mhòr. Criomagan mar seo a-mhàin.

Leis an fhìrinn innse, chan eil daoine an seo ro eòlach air Alba. “Alba? Dùthaich brèagha ach garbh far a tha na fir a’ coiseachd ann an sgiortaichean. Pàirt de Shas… och, pàirt de Bhreatainn, tha sgioba ball-coise air leth aca. Dè rud? Cànan? Uill, Beurla gun teagamh, nach e?” Tha fios aig cuid glè bheag gu bheil Gàdhlig no Albais ann – agus aig cuid nas lugha nach e an aon rud a tha annta. Thathar eadhon Auld Lang Syne a’ cluich mar “Viennese Waltz” an-seo… Agus dè cho mòr a tha am fios a tha aig na h-Albannaich air, canamaid, Moràibhia? Cia mheud dhiubh aig a tha fios gu bheil dualchainntean an taobh an Ear air an dùthaich a tha nas coltaiche ris a’ Shlobhagais na ris a’ Theacais?

Co-dhiù no co-dheth. Tha fios nach eil na cànanan ro choltach ri chèile. Tha sibhsigeadh ann – ach tha sin anns an Fhrangais no sa Ghearmailtis cuideachd. Tha na faclan eadar-nàiseanta mar telebhisean/televize coltach ri chèile; mura biodh iad, cha bhiodh iad eadar-nàiseanta. Cha bhi ainmhidhean Teacach hibernating, tha iad nan cadal le zimní spánek no cadal-gheamhraidh, ach chanainn gur e buail na Gearmailtis a tha ann. Ge-tà, tha rud no dhà a tha ceudna anns an dà, ged cha chreid mi gur e ach co-thuiteamas a tha annta: Tha am beum air a’ chiad lide sa Theacais mar a tha e sa Ghàidhlig. Gu dearbh, tha an Teacais a’ dol nas fhaide na Gàidhlig: nuair a chuireas sibh ro-leasachan ri facal, thèid am beum air an ro-leasachan. Chan eil sin na h-uile: nuair a chuireas sibh roimhear aon-lideach air beulaibh an fhacail, ‘s ann airsan a thèid am beum. Chanadh sibh “gun neo-làithaireachd” sa Theacais, leis a’ bheum air “gun”. Tha sin inntineach, oir tha e gu diofar ann an cànanan Slàbhach eile. Mar eisimpleir, tha am beum sa Phòlais air an dàrna lide bhon deireadh fhacail, mar a tha e san Spàinnis; chan eil riaghailt coltach rithe san Ruiseis, mar nach eil sa Bheurla.

Cuideachd, ged a sgrìobhas sibh connrag guthach aig deireadh an fhacail, fuaimnichidh sibh gu neo-ghuthach e. Canaidh sibh lub (=taobh na fìdhle) anns an aon dòigh mar a chanas sibh lup (=cobhartach). (Ge-tà, canaidh sibh an t-iolra luby le b, seach p, oir tha e ann am meadhan an fhacail.)

Air neo ainmean nam mìosan. Tha iad gu math coltach ri chèile anns a’ chuid as motha de na cànanan Eòrpach: January, janvier, enero, Január, январь, … February, février, febrero, Február, февраль, … Eadhon sa Bhreatannais tha iad Genver, C’hwevrer amsaa. Ge-tà, tha am Faoilleach, an Gearran, … sa Ghàidlig, styczeń, luty, … sa Phòlais agus leden, únor, … sa Theacais. (Gu dearbh, tha marzec agus maj sa Phòlais, tha am Màrt sa Ghàidhlig, ach březen agus květen sa Theacais.) Cuideachd, tha říjen air an Dàmhair againn – bho říje, no… dàmhair.

——–

An dèidh dhomh ceangail an Eadar-lìn fhaighinn, mhothaich mi do ghrunn rud coltach eile. Roimhe sin, cha robh fhios agam gun robh a’ Ghàidhlig na sabaid airson cumail beò – mar a bha an Teacais anns na 18mh is 19mh linntean. Beagan na b’ fhaide, bhuail e nam cheann gun robh mi a’ coimhead, “beò” mar gum biodh, air rudeigin air a bha mi air mo theagasg san sgoil.

A-rithist, chan eil an leitheid foirfe idir. Nuair a thòisich Ath-bheothachadh Theiceach, bha Teacais fhathast mar chiad chànain aig a’ chuid as motha de mhuinntir na dùthcha. Ach bhathar a’ coimhead oirre mar gum biodh i cànan “ìseal”, cànan math dìreach airson fhear-obrach làmhach; bha na h-oifigich, daoine foghlaimte, luchd-saidheans, sgrìobhadairean agus mar sin sìos a’ cleachdach a’ Ghearmailtis. ‘S dòcha gu bheil sin nas coltaiche ris a’ Bheurla-Ghallda an-diugh na ris a’ Ghàidhlig.

A dh’aidheoin sin, tha rudan coltach ri chèile ann. Mar eisimpleir, bha bunsgoiltean ann anns an robh clann air am peanasachadh ma bhruidhinn iad sa Theacais, agus bha an lagh ag ràdh gum b’ e a’ Ghearmailtis an cànan airson teagaisg san àrdsgoiltean agus san oilthigh. Cha b’ ann ach an dèidh am ‘bliadhna rèabhlaideach’, 1848, gum b’ fhaodadh òraidean oilthigh san Teacais a ghabhail.

Agus tha fios nach robh leòr bhriathrachais aig a’ chànan. Bha aig na luchd-ath-bheothachaidh ri faclan ùra a chruthachadh. Co-cheangailte le sin, cha robh faclair math ann. Tha Josef Jungmann ainm cho cudromach don Teacais mar a tha Eideard Dwelly don Ghàidhlig. Agus bha a’ chiad faclair ioma-chuimseach na Teacaise a rinn Jungmann dà-chànanach, faclair Teacais-Gearmailtis, mar a bha am fear aig Dwelly faclair Gàidhlig-Beurla.

Anns an dealachadh: Tha fios agaibh air Seumas Mac a’ Phearsain agus Oisean gun teagamh. On a bha an leabhar cho ainmeil, bha fios air aig na luchd-ath-bheothachaidh Teacaich cuideachd. Chunnaic iad dè an do rinn sin airson cliù litreachas na h-Alba. Agus bhuail e air fear Václav Hanka gum biodh e math nan robh rudeigin mar sin aig na Teacaich, fuadain aig a’ char as miosa. Mar sin, sgrìobh e agus ‘lorg’ e air a tha Làmh-sgrìobhainnean Ghàrradh an Rìgh is Cnuic Uaine an-diugh.

Nach iongantach a tha sin? Rinn Mac a’ Phearsain duain fuadain, agus rinn Hanka (a bha a’ creidsinn gum b’ ann dearbh a bha annta!), air a spreigeadh le sin, duain fuadain aigesan…

 
(In green reinserted bits from the initial draft which fell out from the originally published version.)

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s