‘S ann beartach a tha rabaid (tràill ann no às)

Air neo, Rabbit Is Rich. Leugh mi an leabhar sin nuair a bha mi anns an Arm agus feumaidh mi aideachadh nach eil cuimhne agam air an sgeul tuilleadh idir, ged a bha mi air ceithir às-aithrisean às-san a sgrìobhadh agus tha iad agam fhathast. Ach cuimhnichidh mi air an tiotal aige gach ùine a gheibh mi a-mach gu bheil barrachd airgid agam na bha mi an dùil. An-diugh, mar eisimpleir. An dèidh dhomh am P45 agam fhaighinn, chaidh mi dhan bhanca agus chuir an cunntas agam iongnadh gu math mòr orm. Gu nàdarrach, chan innis mi àireamh sam bith an-seo, ach their mi dhuibh: tha nas motha agam an-dràsta na bha agam riamh roimhe. Nas motha na bha agam anns a’ bhliadhna dà mhìle, mus deach mi air daorach a mhair còig mìosan agus a dh’fhàg mi briste gu h-iomlan.

Agus dè rinn mi airson sin a chomharrachadh? Uill… coimhead mi air prògram mu dheidhinn tràilleachd air BhBC Alba. Bha e inntinneach, oir thachair an aon rud a thachair ann an Gàrradh Dhearg san Òghmios an-uiridh: chunnaic mi mar a tha sinn (sinne nar tràillean, tha mi a’ ciallachadh) uile an dà chuid eadar-dhealaichte agus ceudna aig an aon àm. Cò air bith e, ma bhruidhneas e mu ochd mionaidean no nas motha, their e co-dhiù aon rud a nì mi a’ smaoineachadh gu bheil (no gun robh) mise eadar-dhealaichte gu tur – ‘s dòcha eadhon a chaochladh; agus co-dhiù aon rud eile a nì mi a’ smaoineachadh “dìreach sin! ‘s mise cuideachd!”

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s