Ainm ùr aig Wikipedia Ghàidhlig

Chan eil fhios agam cia mheud deasbad mu dheidhinn an t-ainm aig Wikipedia sa Ghàidhlig a bha ann. Ach ghabh deasbad as ùire àite san Dùbhlachd agus san Fhaoilleach agus ‘s e seo am buil aige: chaidh an t-ainm atharrachadh gu Uicipeid. O dheireadh an Fhaoillich tha eadhon ‘logo’ ùr aice.

Tha mi gu math riaraichte nach eil an litir neo-Ghàidhlig W ann mu dheireadh thall. Agus cha chuir e iongnadh oirbh gum b’ e Akerbeltz an duine a bha a-rithist air cùl an leasachaidh seo. An dearbh dhuine a thionndaidh am faclair aig Dwelly gu fòrmat didseatach, a dh’eadar-theangaich gu Gàidhlig Firefox, Thunderbird is Opera agus mar sin sìos.

Chan urrain dhomh a ràdh an tionndaidh am facal gus am fear nas àbhaistiche na Wikipedia anns a’ bhriathrachas Ghàidhlig. Tha mi an dòchas gun tionndaidh, ach feumaidh sinn feitheamh gus chì sinn. Co-dhiù, chuir Akerbeltz e anns an fhaclair aige fhathast.

Agus chuir mise an WT e – ged as aithne dhomh gun robh sin beagan an aghaidh nan riaghailtean… ;-)

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s