Cothrom 65

Coltach ris an dà iris a fhuair mi roimhe seo, làn aistean inntineach. On nach urrainn dhomh sgrìobhadh mu dheidhinn gach dhiubh, innsidh mi guth no dhà mu dè bha a b’ inntinniche dhomh fhèin.

Cha do leugh mi ach trì irisean den ràitheachan ach tha mi mu thràth a’ feitheamh ris an ath Langanaich Alison agus Saoghal Sheonaidh oir tha mi gu math cinnteach nach bi mi mì-riaraichte. Agus tha mi a-nis a’ feitheamh ris an fhilm aig Alison, Caithris na h-Oidhche, mar an ceudna.

Chuir e iongnadh orm gun do dheasaich fear Nicolai Haltukov faclair lèigh Gàidhlig-Bulgarach agus gu bheil e ag obair air dà fhaclair eile: Beurla-Gàidhlig-Bulgarach agus Bulgarach-Gàidhlig. Cha chreid mi gu bheil cus chànain a thuilleadh air a’ Bheurla is a’ Ghearmailtis aig a tha faclair Ghàidhlig!

Tha dà aiste san iris mu thimcheall a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Gallaibh [nach robh air a thòiseachadh aig àm foillseachaidh na h-irise] agus gu nàdarrach cha do sheachain iad a’ cheist dè tha na daoine ionadail a’ smuaintinn mun chùis.

‘S e an tiotal aig an dealbh-fhaclair mu dheireadh Coiseachd anns a’ Mhonadh agus bha mi glè thoilichte gum faca mi dealbh bròige ann leis na h-ainmean de na pàirtean àraidh dhi.

Agus am measg nan lèirmheas tha fear mu dheidhinn Eadar Dà Sgeul – bha mi air an leabhar a cheannach bho Chomhairle nan Leabhraichean mar thà agus thòisich mi ga leughadh dìreach an dèidh dhomh leughadh a’ Chothruim a chrìochnachadh; agus bha am fear mu dheidhinn The Edinburgh Companion to the Gaelic Language cho gealltanach gun do cheannaich mi esan agus thòisich mi ga leughadh an latha eile mar an ceudna.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s