Cathair-ghàirdeanach

Sgrìobh mi an-seo mu thràth sa Chèitean mar a cheannaich mi deasg. Cha robh ach aon duilgheadas leis: bha na cathraichean agam ro ìosal an uairsin airson a bhith cofhurtail. Mar as àbhaist dhomh, thug e ùine fhada gus an do rinn mi rud sam bith mu dheidhinn. Ach mu dheireadh thall, cheannaich mi cathair ùr dhomsa Dihaoine.

Ged nach robh ach tè na b’ àirde a dhìth orm, on a bha mi ga ceannach co-dhiù, cheannaich mi tè dhen seòrsa a chithear ann an oifisean. Tè le roithleanan, tè a tha a’ tionndadh air maighdeag, le àirde a tha so-atharrach, le gàirdeanan agus le cùl bog. Tha fhios agam gur ann glè chumanta a tha an seòrsa seo, ach cha robh e agamsa riamh, fiù agus o chionn bhliadhnaichean nuair a bha mi fhìn ag obair ann an oifis. Abair cofhurtachd!

Agus carson a tha mi a’ sgrìobhadh mu deidhinn sa Ghàidhlig? Uill, carson nach biodh? Tha eagal orm gur e seo am mearachd a nì sinn ann am FnaG: cha bhruidhinn sinn ach mu chuspairean a tha co-cheangailte ris a’ chànan. Mar sin, tha mi eòlach air faclan mar tuiseal no seanfhacal, ach bha agam ri cathair-ghàirdeanach lorg ann am faclair.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s