Cothrom 64

An dàrna iris agamsa, agus rinn i toilichte mi le iomadh rud:

Mar a bha mi an dòchas, tha an Dealbh-fhaclair san gach iris (faclan ceangailte ri arc-eòlas san iris seo). ‘S toil leam an dòigh aige: caochladh fhaclan co-cheangailte ri aon chuspair.

Tha e coltach gur ann cunbhalach a tha Langanaich Alison agus Saoghal Sheonaidh cuideachd. Thug cuid de na beachdan orm meòrachadh domhainn a-rithist; a bharrachd air sin, tha ùidh mhòr agam ann an cuspairean na h-irise seo: Alison a-mach air litearrachd agus meadhanan ùr-nodha agus Seonaidh a-mach air inimrichean.

Thug aon de na h-aistean fada sùil air Åland – tha e daonnan inntinneach coimeasan a dhèanamh air mion-chànanan is na coimhearsnachdan anns a tha iad air bruidhinn. (Feumaidh mi coimeas mar seo a dhèanamh eadar Gàidhlig an-diugh agus Teacais na h-ochdamh linn deug latheigin.)

Tha e inntineach mar an ceudna dè cho beag ‘s a tha an saoghal Ghàidhlig. Leugh mi mu dheidhinn Daonnan ann an Trioblaid (cheannaich mi e bho CnanL), Seton Gordon’s Cairngorms (luaidh Ruairidh e sna Litrichean), Cearcaill Còmhraidh Fìobha agus bhidiothan Guthan nan Eilean (tha Anna Desseyn agus Gordon Wells le chèile a’ postadh ann am FnaG an-dràsta ‘s a-rithist), albam Bi Beò (nì an còmhlan ceòl airson na bhidiothan)… Ged a tha mi a’ fuireach ann am meadhan na h-Eòrpa, tha mi gu faireachdain mar a bhiodh mi pàirt dhen t-saoghal.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s