Aon-chànanas

Chan ann ainneamh a chluinneas mi fear sam bith a’ gearan nach eil ach Beurla aig a’ chuid as motha dhiubh aig a tha i mar chiad chànan. Agus ag ràdh gu bheil slòigh eile dà- (no eadhon ioma-) chànanach, no aig a’ char as lugha ag ionnsachadh cànanan eile san sgoil. Cha chreid mi gur ann cho sìmplidh a tha cùisean ge-tà.

Nise, cha bhi amharras oirbh gu bheil mise a’ moladh aon-chànanais. Ach chan eil mi cinnteach cia mheud Frangach, Gearmailteach, Spàinneach amsaa a tha eòlach air dàrna teanga, mur eil feum aca a bhith eòlach air tè. Mur eil iad a’ fuireach thall thairis, ag obair anns a’ ghnìomhachas turasachd no mar manaidsearan do chompanaidhean ioma-nàiseanta, pòsda aig cudeigin le chiad chànan eadar-dhealaichte…

Anns an àrd-sgoil, bha againn uile ri Ruiseis agus aon theanga eile a dh’ionnsachadh. A dh’aindheoin sin, tha eagal orm nach tèid aig an dàrna leth dhinn air pàipear-naidheachd a leughadh no air còmhradh a dhèanamh ann an tè dhiubh. Agus iad sin gun àrd-sgoil… gu dearbh, ‘s ann glè thric a bhios daoine a’ faighneachd dhomh, “Fileanta sa Bheurla, agus ag obair nad chlò-bhualadair? Carson nach eil thu nad eadar-theangair?”

Tha fios agaibh, tha urram aca do dhuine aig a tha barrachd air aon chànan. Ach chan eil iad den bheachd gum b’ fhiach dhaibh fhèin cànan eile a dh’ionnsachadh. Tha eadhon an abhcaid seo againn:

Tha dithis nan suidhe faisg air rathad air choireigin nuair a ruigeas càr. Tha an dràibhear a’ faighneachd: “Hello, do you speak English?”
Crathadh cheann, crathadh guailnean.
“Sprechen Sie Deutsch?”
Crathadh cheann, crathadh guailnean.
“Parlez-vous français?”
Crathadh cheann, crathadh guailnean.
“¿Se habla español?”
Crathadh cheann, crathadh guailnean.
Fàgaidh an dràibhear gu mì-thoilichte. An ceann greise, faighnichidh fear dhiubh dham fear eile, “Saoil gum bu chòir dhuinn cànanan cèine ionnsachadh?” – “Carson?” – “Uill, thèid againn air bruidhinn ri coigrich.” – “Na bi gòrach. Nach fhaca tu am fear sin? Dè cho mòran cànain a bh’ aige, cha b’ urrainn dha bruidhinn ruinne!”

Agus cha chreid mi gu bheil daoine sna dùthchannan eile cho eadar-dhealaichte bho na daoine an-seo. Uill, ‘s dòcha na Lochlannaich, ach san fharsaingeachd…

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s