Cothrom

Gu h-àraidh, Cothrom 63 no iris an Earraich 2010. Mar a bha mi ag ràdh, dh’fho-sgrìobh mi dhan ràitheachan sa Mhàirt. Fhuair mi a’ chiad chopaidh agamsa san Ghiblean agus bha mi air a leughadh buileach an deireadh seachdain sa chaidh.

Leis an fhìrinn innse, bha eagal beag orm roimhe ga fhaighinn. ‘S dòcha gum biodh na h-aistean air an sgrìobhadh sa Ghàidhlig ro shìmplidh no ro dheacair air mo shonsa? No bhiodh e, uill, odhirp beagan amaitearach?

Cha bhiodh. Tha e gu math proifeiseanta. A-rèir coltais, tha fhios aig na sgrìobhadairean air ìre Ghàidhlig aig na leughadairean aca. Tha a’ chlò-ghrafachd math dha-rìribh cuideachd, agus ‘s e clò-bhualadair a tha ag innse dhuibh seo.

Ge-tà, ‘s e susbaint a tha a’ chùis as cudromaiche ann an iris. Agus bha mi glè riaraichte le sin mar an ceudna. Naidheachdan mun chànan, agallamhan, cruinn-eòlas, bith-eòlas, eachdraidh, litreachas, ceòl, bàrdachd, agus àbhachd – lorg mi iad uile ann, agus tuilleadh.

Uile gu lèir, chan eil ach aon rud leis a tha mi mì-riaraichte. Chan eil am masthead ag ràdh cuin a bhios an iris 64 air a foillseachadh, agus tha fiughair mhòr orm gu leughadh i!

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s