Gu luath ‘s gu mall

Thàinig An Gobaire dhan Fhòram le “Ràdh na Seachdaine” ùr, Ràdh na Seachdaine 12, an-dè: Ruigidh dàil doras. Bha dà abairt mar sin eile aige: Ruigidh each mall muileann uaireigin agus Am fear a bhios fada gun aiseag, gheibh e thairis uaireigin. Mu dheireadh, bha e a’ faighneachd dhuinn “A bheil abairtean samhlach riutha seo nad chànan fhèin?”

Gu neònach, cha b’ urrainn dhomh cuimhneachadh air ràdh leis an t-seagh sin ann an cànan eile sam bith. Ge-tà, chuimhnich sin dhomh abairt a bhiodh mo sheanmhair ag ràdh. Bha mi fhìn ‘s mo phiuthar nar cloinne, luath is mì-fhoighidneach, agus nuair a chuireadh sinn cuairt còmhla rithe, bhiodh sinn a’ tarraing aiste air a shon. Ach chanadh i: “Och, thèid mise gu mall far an tèid sibhse gu luath.”

An-diugh, bidh mise a’ cleachdadh na h-abairte sin – ann an suidheachadh eile. Tha mi nam choisiche gu math luath fhathast, ach tha mi nam smaointear slaodach. Gidheadh, cha chreid mi gu bheil mi nam smaointear dona; dìreach slaodach. ‘S mar sin, nuair a bhios mi a’ toirt greis mhòr mus tuig mi rudeigin, agus mo chàirdean a’ tarraing asam, their mi na b’ àbhaist do mo sheanmhair a ràdh.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s