Litrichean diofaraichte

Mar a bha mi ag ràdh sa Bheurla, leugh mi a’ chiad leabhar sa Ghàidhlig o chionn ghoirid, agus tha aon de na h-adhbharan a bu chudromaiche a b’ urrainn dhomh sin a dhèanamh na Litrichean BhBC le Ruairidh MacIllEathain. Mar sin, rinn mi rudeigin eile cuideachd: sgrìobh mi post-dealain thuige son taing a thoirt dha.

Tha cunnartan gu leòr air an Eadar-lìon nach eil an taobh a-muigh dheth, ach tha cothroman sònraichte air mar an ceudna. Gu math tric, faodaidh tu a ràdh do chudeigin gur fìor thoil leat na tha iad a’ dèanamh, fiù ‘s nuair nach eil iad uabhasach ainmeil. Uill, chan àbhaist dhomh a bhi a’ cur puist-d mar sin ro thric idir, ach tha mi toilichte gum faodar gan cur.

Bha mi a’ sgrìobhadh ‘s ath-sgrìobhadh a’ phuist-d sin uair no dhà a thìde. Tha an t-eagal, no an t-amharas, orm gun nì mi gu math tric faux pas air choireigin nuair a sgrìobhas mi rudeigin mar sin. Tha e coltach nach do rinn mi sin an turas seo, ge-tà, oir sgrìobh Ruairidh air ais. Agus ‘s e aon bhuil seo: an àite cheannach leabhair eile, dh’fho-sgrìobh mi dhan iris dà-chànanach Cothrom.

Chan eil sin a’ ciallachadh nach ceannaich mi leabhar eile gu bràth. Ach fanaidh mi greis. Chì mi dè cho mòr a bhios an iris a’ còrdadh rium agus dè cho fada a bhios mi a’ leughadh aon chopaidh dhi.

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s